Eòin 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile; agus bha màthair Iosa an sin. 2 Agus fhuair Iosa mar an ceudna agus a dheisciobail cuireadh a‑chum a’ phòsaidh. 3 Agus air teireachdainn don fhìon, thubhairt màthair Iosa ris, Chan eil fìon aca. 4 Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a bhean? Cha tàinig m’uair-sa fhathast. 5 Thubhairt a mhàthair ris an luchd-frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e. 6 Agus bha sia soithichean-uisge de chloich air an cur an sin, a rèir gnàth-glanaidh nan Iùdhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon dhiubh. 7 Thubhairt Iosa riu, Lìonaibh na soithichean le uisge. Agus lìon iad iad gus am beul. 8 Agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑nis, agus thugaibh a‑chum uachdaran na cuirme. Agus thug iad ann e. 9 Nuair a bhlais uachdaran na cuirme an t‑uisge a rinneadh na fhìon (agus cha robh fhios aige cia as a thàinig e; ach bha fhios aig an luchd-frithealaidh a tharraing an t‑uisge), ghairm uachdaran na cuirme am fear nuadh-pòsda, 10 Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon math an làthair air tùs; agus nuair a dh’òlas daoine gu leòr, an sin am fìon as miosa: ach ghlèidh thusa am fìon math gus a‑nis. 11 Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir; agus chreid a dheisciobail ann. 12 An dèidh seo chaidh e sìos do Chapernàum, e fhèin, agus a mhàthair, agus a bhràithrean, agus a dheisciobail; agus cha d’fhan iad ann mòran làithean. 13 Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem, 14 Agus fhuair e nan suidhe anns an teampall luchd-reic cruidh, agus chaorach, agus chalaman, agus luchd-malairt an airgid: 15 Agus air dèanamh sgiùrsair dha de chùird chaola, dh’fhuadaich e a‑mach as an teampall iad uile, agus na caoraich agus an crodh; agus dhòirt e a‑mach airgead an luchd-malairt, agus thilg e na bùird thairis; 16 Agus thubhairt e riùsan a bha a’ reic chalaman, Togaibh iad sin à seo; na dèanaibh taigh m’Athar-sa na thaigh-marsantachd. 17 Agus chuimhnich a dheisciobail gu robh e sgrìobhte, Dh’ith eud do thaighe suas mi. 18 An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nochdas tu dhuinne, do bhrìgh gu bheil thu a’ dèanamh nan nithean sin? 19 Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Leagaibh sìos an teampall seo, agus ann an trì làithean cuiridh mise suas e. 20 An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Sia bliadhna agus dà‑fhichead bha an teampall seo ga thogail, agus an cuir thusa suas ann an trì làithean e? 21 Ach labhair esan mu theampall a chuirp. 22 Uime sin nuair a bha e air èirigh o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail gun dubhairt e seo: agus chreid iad an sgriobtar, agus am facal a thubhairt Iosa. 23 A‑nis nuair a bha e ann an Ierusalem aig a’ chàisg, air an fhèill, chreid mòran na ainm, nuair a chunnaic iad na mìorbhailean a rinn e. 24 Ach cha d’earb Iosa e fhèin riu, do bhrìgh gum b’aithne dha na h‑uile dhaoine, 25 Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine. |