Ecsodus 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus innis dha, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh: 2 Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast, 3 Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann. 4 Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil. 5 Agus shuidhich an Tighearna àm, ag ràdh, A‑màireach nì an Tighearna an nì seo anns an tìr. 6 Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Eiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs. 7 Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus, feuch, cha robh eadhon a h‑aon de sprèidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e an sluagh air falbh. 8 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Gabhaibh dhuibh fhèin làn ur glac de luaith an teallaich, agus crathadh Maois i ri nèamh ann an sealladh Phàraoh: 9 Agus bidh i na duslach mìn air feadh tìr na h‑Eiphit uile, agus bidh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìr na h‑Eiphit uile. 10 Agus ghabh iad luath an teallaich, agus sheas iad an làthair Phàraoh, agus chrath Maois i ri nèamh: agus rinneadh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh. 11 Agus cha b’urrainn na draoidhean seasamh an làthair Mhaois airson nan neasgaid; oir bha an neasgaid air na draoidhean, agus air na h‑Eiphitich uile. 12 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois. 13 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh. 14 Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile. 15 Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh. 16 Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile. 17 A bheil thu fhathast gad àrdachadh fhèin an aghaidh mo shluaigh, air chor is nach leig thu leo imeachd? 18 Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis. 19 Uime sin a‑nis cuir fios uat, agus cruinnich do sprèidh, agus gach nì a tha agad anns a’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear anns a’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaigh, thig a’ chlach-mheallain a‑nuas, agus gheibh iad bàs. 20 An tì a ghabh eagal ro fhacal an Tighearna am measg seirbhisich Phàraoh, thug e air a sheirbhisich agus air a sprèidh teicheadh do na taighean. 21 Agus esan nach do ghabh suim de fhacal an Tighearna, dh’fhàg e a sheirbhisich agus a sprèidh anns a’ mhachair. 22 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh gu nèamh, a‑chum is gum bi clach-mheallain ann an tìr na h‑Eiphit uile, air duine, agus air ainmhidh, agus air uile luibh na machrach ann an tìr na h‑Eiphit. 23 Agus shìn Maois a‑mach a shlat gu nèamh; agus rinn an Tighearna tàirneanach agus clach-mheallain, agus ruith tein-adhair air uachdar na talmhainn; agus fhras an Tighearna clach-mheallain air tìr na h‑Eiphit. 24 Mar seo bha clach-mheallain ann, agus teine measgte leis a’ chloich-mheallain, ro‑mhòr, aig nach robh a samhail ann an tìr na h‑Eiphit uile o rinneadh dùthaich dhith. 25 Agus bhuail a’ chlach-mheallain air feadh tìr na h‑Eiphit uile gach nì a bha anns a’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach-mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobhan na machrach. 26 A‑mhàin ann an tìr Ghòsein, far an robh clann Israeil, cha robh clach-mheallain. 27 Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh. 28 Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide. 29 Agus thubhairt Maois ris, Cho luath is a thèid mise a‑mach as a’ bhaile, sìnidh mì mo làmhan a‑mach a‑chum an Tighearna: agus sguiridh an tàirneanach, agus cha bhi a’ chlach-mheallain ann nas mò; a‑chum is gum bi fhios agad gur leis an Tighearna an talamh. 30 Ach air do shon-sa, agus airson do sheirbhiseach, tha fhios agam nach bi eagal oirbh fhathast ron Tighearna Dia. 31 Agus bhuaileadh an lìon agus an t‑eòrna; oir bha an t‑eòrna fo dhèis, agus an lìon fo fhrois. 32 Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas. 33 Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach-mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh. 34 Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich. 35 Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois. |