Ecsodus 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh. 2 Agus ma dhiùltas tu an leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannan: 3 Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh. 4 Agus thèid na losgannan suas ort fhèin, agus air do shluagh, agus air do sheirbhisich uile. 5 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do làmh led shlait os cionn nan aibhnichean, os cionn nan allt, agus os cionn nan lochan; agus thoir air na losgannan dol suas air talamh na h‑Eiphit. 6 Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Eiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Eiphit. 7 Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan, agus thug iad suas losgannan air talamh na h‑Eiphit. 8 An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna. 9 Agus thubhairt Maois ri Phàraoh, Dèan uaill tharam: cuin a ghuidheas mi air do shon, agus airson do sheirbhiseach, agus airson do shluaigh, gun cuirear as do na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, air chor is gum mair iad a‑mhàin anns an abhainn? 10 Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia. 11 Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad. 12 Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh. 13 Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean. 14 Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr. 15 Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. 16 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile. 17 Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile. 18 Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan a thoirt a‑mach mhial, ach cha b’urrainn iad; agus bha mialan air duine agus air ainmhidh. 19 An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna. 20 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh (feuch, tha e a’ teachd a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge) agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh. 21 Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad. 22 Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn. 23 Agus cuiridh mi dealachadh eadar mo shluagh-sa agus do shluagh-sa: air an là màireach bidh an comharradh seo. 24 Agus rinn an Tighearna mar sin: agus thàinig sgaoth anabarrach chuileag do thaigh Phàraoh, agus do thaighean a sheirbhiseach, agus do thìr na h‑Eiphit uile: thruailleadh an talamh a‑thaobh nan cuileag. 25 Agus ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh dur Dia anns an tìr. 26 Agus thubhairt Maois, Chan eil e iomchaidh sinn a dhèanamh mar sin; oir ìobraidh sinn gràinealachd nan Eiphiteach don Tighearna ar Dia. Feuch, an ìobair sinne gràinealachd nan Eiphiteach fa chomhair an sùl, agus nach clach iad sinn? 27 Thèid sinn astar trì làithean don fhàsach, agus ìobraidh sinn don Tighearna ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn. 28 Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa. 29 Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna. 30 Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna. 31 Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois; agus chuir e air falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh: cha d’fhan a h‑aon. 32 Agus chruadhaich Phàraoh a chridhe air an àm seo mar an ceudna, agus cha do leig e leis an t‑sluagh imeachd. |