Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.

2 Agus labhair Dia ri Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna.

3 Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile-chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh.

4 Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

5 Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a tha na h‑Eiphitich a’ cumail ann an daorsa; agus chuimhnich mi mo choicheangal.

6 Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

7 Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

8 Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.

9 Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.

10 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

11 Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich.

12 Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?

13 Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, agus thug e dhaibh àithne a‑chum chloinn Israeil, agus a‑chum Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, clann Israeil a thoirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

14 Is iad seo ceannardan taighean an athraichean: mic Reubein ciad-ghin Israeil: Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi: is iad sin teaghlaichean Reubein.

15 Agus mic Shimeoin: Iemuel, agus Iamin, agus Ohad, agus Iachin, agus Sohar, agus Saul mac ban-Chanàanaich: is iad sin teaghlaichean Shimeoin.

16 Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

17 Mic Ghersoin: Libni, agus Simi, a rèir an teaghlaichean.

18 Agus mic Chohait: Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnachan beatha Chohait ceud agus trì-bliadhna-deug ar fhichead.

19 Agus mic Mherari: Mahali agus Musi: is iad sin teaghlaichean Lèbhi, a rèir an ginealaichean.

20 Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

21 Agus mic Idshair: Corah, agus Nepheg, agus Sichri.

22 Agus mic Udsieil: Misael, agus Elsaphan, agus Sitri.

23 Agus ghabh Aaron Elisèba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

24 Agus mic Chorah: Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph; is iad sin teaghlaichean nan Corhach.

25 Agus ghabh Eleàsar mac Aaroin aon de nigheanan Phutieil dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: is iad sin ceannardan athraichean nan Lèbhitheach, a rèir an teaghlaichean.

26 Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

27 Is iad seo iadsan a labhair ri Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, a‑chum clann Israeil a thoirt a‑mach as an Eiphit: is iad seo am Maois agus an t‑Aaron ud.

28 Agus thàrladh, anns an là air an do labhair an Tighearna ri Maois ann an tìr na h‑Eiphit,

29 Gun do labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna: labhair thusa ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit gach nì a their mise riut.

30 Agus thubhairt Maois an làthair an Tighearna, Feuch, tha mise neo-thimcheall-gheàrrte am bhilean, agus cionnas a dh’èisdeas Phàraoh rium?

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan