Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 39 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus den ghorm, agus den chorcar, agus den sgàrlaid, rinn iad èideadh frithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, agus rinn iad èideadh naomh do Aaron; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

2 Agus rinn e an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

3 Agus bhuail iad a‑mach an t‑òr na leacan tana, agus gheàrr iad e na shnàithnean, a‑chum a obrachadh am measg a’ ghuirm, agus am measg a’ chorcair, agus am measg na sgàrlaid, agus am measg an anairt ghrinn le obair ealanta.

4 Rinn iad mìrean-guaille dhi, ceangailte ri chèile air a dà oir: mar sin chuireadh ri chèile i.

5 Agus bha crios rìomhach na h‑èphoid a bha air a h‑uachdar, den nì cheudna, a rèir a h‑obrach fhèin; eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

6 Agus dh’obraich iad clachan onics ceangailte ann am failean òir, air an gearradh le gearradh seula, le ainmean chloinn Israeil orra.

7 Agus chuir e iad air guaillean na h‑èphoid, gu bhith nan clachan cuimhneachain do chloinn Israeil; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

8 Agus rinn e an t‑uchd-èideadh le obair ealanta a rèir obair na h‑èphoid, de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

9 Bha e ceithir-cheàrnach; rinn iad an t‑uchd-èideadh dà‑fhillte: rèis a fhad, agus rèis a leud; bha e dà‑fhillte.

10 Agus chuir iad ann ceithir sreathan chlach: a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal: seo a’ chiad sreath.

11 Agus an dara sreath, emerald, saphir, agus daoimean.

12 Agus an treas sreath, ligur, agat, agus ametist.

13 Agus an ceathramh sreath, beril, onics, agus iasper: bha iad air an ceangal ann am failean òir nan suidheachadh.

14 Agus bha na clachan a rèir ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug a rèir an ainmean le gearradh seula, gach aon aca le a h‑ainm fhèin, a rèir an dà‑threubh-dheug.

15 Agus rinn iad air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn, de obair shnìomhte de òr fìorghlan.

16 Agus rinn iad dà fhail òir, agus dà fhàinne òir: agus chuir iad an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.

17 Agus chuir iad an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhàinne air cinn an uchd-èididh.

18 Agus dhaingnich iad dà cheann an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhail, agus chuir iad iad air mìrean-guaille na h‑èphoid, air a beulaibh.

19 Agus rinn iad dà fhàinne òir, agus chuir iad iad air dà cheann an uchd-èididh, air an iomall dheth, a bha air taobh na h‑èphoid a‑staigh.

20 Agus rinn iad dà fhàinne òir eile, agus chuir iad iad air dà thaobh na h‑èphoid gu h‑ìosal, leth ris a’ chuid bheòil dhith, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.

21 Agus cheangail iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum gum biodh e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach biodh an t‑uchd-èideadh air a fhuasgladh on èphoid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

22 Agus rinn e fallaing na h‑èphoid de obair fhighte, uile de ghorm.

23 Agus bha toll ann am meadhon na fallainge, mar tholl lùirich-mhàillich, agus oir timcheall a tuill, a‑chum nach reubte i.

24 Agus rinn iad air iomallan na fallainge pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart toinnte.

25 Agus rinn iad cluig de òr fìorghlan, agus chuir iad na cluig eadar na pomgranatan, air iomall na fallainge mun cuairt eadar na pomgranatan:

26 Clag agus pomgranat, clag agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt, a fhrithealadh innte; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

27 Agus rinn iad còtaichean de anart grinn, de obair fhighte, airson Aaroin agus a chuid mhac,

28 Agus crùn-sagairt de anart grinn, agus bonaidean sgiamhach de anart grinn, agus briogais anairt de anart grinn toinnte,

29 Agus crios de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, de obair shnàthaid; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

30 Agus rinn iad leac a’ chrùin naoimh de òr fìorghlan, agus sgrìobh iad oirre sgrìobhadh, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

31 Agus cheangail iad rithe iall de ghorm, gu a daingneachadh air a’ chrùn gu h‑àrd; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

32 Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.

33 Agus thug iad am pàillean gu Maois, am bùth, agus a àirneis uile, a chromagan, a bhùird, a chroinn, agus a phuist, agus a bhuinn;

34 Agus an còmhdach de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus an còmhdach de chraicnean bhroc, agus brat a’ chòmhdaich;

35 Airc na Fianais, agus a bataichean, agus a’ chathair-thròcair;

36 Am bòrd agus a shoithichean uile, agus an t‑aran taisbeanta;

37 An coinnleir fìorghlan agus a lòchrain, eadhon a lòchrain gu bhith air an cur ann an òrdagh, agus a shoithichean uile, agus an ola a‑chum solais;

38 Agus an altair òir, agus an ola-ungaidh, agus an tùis chùbhraidh, agus am brat airson doras a’ phàillein;

39 An altair umha, agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach-ionnlaid agus a chas;

40 Cùirteanan na cùirte, a puist, agus a buinn, agus am brat airson geata na cùirte, a cùird, agus a pinneachan, agus uile shoithichean seirbhis a’ phàillein, airson bùth a’ choitheanail;

41 Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

42 A rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil an obair uile.

43 Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan