Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 38 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus rinn e altair na h‑ìobairt-loisgte de fhiodh sitim: còig làmhan-coille a fad, agus còig làmhan-coille a leud (bha i ceithir-cheàrnach) agus trì làmhan-coille a h‑àirde.

2 Agus rinn e a h‑adhaircean air a ceithir oisnean: bha a h‑adhaircean den nì cheudna; agus chòmhdaich e thairis i le umha.

3 Agus rinn e uile shoithichean na h‑altarach, na h‑aighnean, agus na sluasaidean, agus na cuachan, agus na greimichean, agus na h‑aighnean teine: a soithichean uile rinn e de umha.

4 Agus rinn e don altair cliath de lìon-obair umha, fo a cuairt gu h‑ìosal, gu ruig a meadhon.

5 Agus thilg e ceithir failbheagan do cheithir oisnean na clèith umha, gu bhith nan àitean do na bataichean.

6 Agus rinn e na bataichean de fhiodh sitim, agus chòmhdaich e thairis iad le umha.

7 Agus chuir e na bataichean anns na failbheagan air taobhan na h‑altarach, a‑chum a giùlan leo: fàs le bùird rinn e i.

8 Agus rinn e an soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, de sgàthanan nam ban, a chruinnich nam buidhnean aig doras pàillean a’ choitheanail.

9 Agus rinn e a’ chùirt air an taobh mu dheas, ris an àird a deas: bha cùirteanan na cùirte de anart grinn toinnte, ceud làmh-choille air fad;

10 Am puist fichead, agus am buinn umha fichead; bha cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead.

11 Agus air an taobh mu thuath, bha na cùirteanan ceud làmh-choille; am puist fichead, agus am buinn umha fichead: cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead.

12 Agus air an taobh an iar bha cùirteanan lethcheud làmh-choille; am puist deich, agus am buinn deich: cromagan nam post agus an cuairteagan de airgead.

13 Agus air an taobh an ear ris an àird an ear, lethcheud làmh-choille.

14 Bha cùirteanan aon taoibh den gheata còig làmhan-coille deug; am puist trì, agus am buinn trì.

15 Agus airson an taoibh eile de gheata na cùirte, air an làimh seo agus air an làimh ud, bha cùirteanan chòig làmhan-coille deug; am puist trì agus am buinn trì.

16 Bha cùirteanan na cùirte uile mun cuairt de anart grinn toinnte.

17 Agus bha buinn nam post de umha; cromagan nam post, agus an cuairteagan de airgead, agus còmhdach an ceann de airgead; agus bha uile phuist na cùirte air an ceangal mun cuairt le airgead.

18 Agus bha am brat airson geata na cùirte na obair shnàthaid de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: agus b’e fichead làmh-choille a fhad agus b’e a àirde anns an leud còig làmhan-coille, a’ co‑fhreagairt do chùirteanan na cùirte:

19 Agus am puist ceithir, agus am buinn umha ceithir; an cromagan de airgead, agus còmhdach an ceann, agus an cuairteagan de airgead.

20 Agus bha uile phinneachan a’ phàillein, agus na cùirte mun cuairt, de umha.

21 Is e sin àireamh nithean a’ phàillein, pàillean na Fianais, mar a dh’àirmheadh iad, a rèir àithne Mhaois, airson seirbhis nan Lèbhitheach le làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.

22 Agus rinn Besalil mac Uri, mhic Shur, de threubh Iùdah, gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois;

23 Agus maille ris Aholiab, mac Ahisamaich, de threubh Dhain, gearradair, agus obraiche ealanta, agus fear obrach-grèise ann an gorm, agus ann an corcar, agus ann an sgàrlaid, agus ann an anart grinn.

24 B’e an t‑òr uile a chuireadh am feum anns an obair, ann an uile obair an ionaid naoimh, eadhon òr an tabhartais; naoi tàlannan fichead, agus seachd ceud agus deich secel ar fhichead, a rèir secel an ionaid naoimh.

25 Agus b’e airgead na muinntir a dh’àirmheadh den choitheanal, ceud tàlann, agus mìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, a rèir secel an ionaid naoimh.

26 Becah airson gach fir, is e sin leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh, airson gach aoin a chaidh gu bhith air àireamh, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, airson sia ceud mìle agus trì mìle agus còig ceud agus lethcheud fear.

27 Agus den cheud tàlann airgid thilgeadh buinn an ionaid naoimh, agus buinn an roinn-bhrait; ceud bonn den cheud tàlann, tàlann do gach bonn.

28 Agus den mhìle agus seachd ceud agus còig-seceil-dheug agus trì-fichead, rinn e cromagan do na puist, agus chòmhdaich e an cinn, agus chuir e cuairteagan man timcheall.

29 Agus b’e umha an tabhartais deich agus trì-fichead tàlann, agus dà mhìle agus ceithir cheud secel.

30 Agus rinn e le sin na buinn do dhoras pàillean a’ choitheanail, agus an altair umha, agus a’ chliath umha aice, agus soithichean na h‑altarach uile,

31 Agus buinn na cùirte mun cuairt, agus buinn geata na cùirte, agus uile phinneachan a’ phàillein, agus uile phinneachan na cùirte mun cuairt.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan