Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

2 Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.

3 Agus thubhairt Maois, Tionndaidhidh mi a‑nis a lethtaobh, agus chì mi an sealladh mòr seo, carson nach eil am preas air a losgadh.

4 Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

5 Agus thubhairt e, Na tig am fagas an seo; cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas, oir an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh, is talamh naomh e.

6 Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

7 Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.

8 Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.

9 A‑nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd am ionnsaigh-sa; agus mar an ceudna chunnaic mi am foir-èiginn leis a bheil na h‑Eiphitich gam foir-èigneadh.

10 Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Eiphit.

11 Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Eiphit?

12 Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

13 Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu?

14 Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh.

15 Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

16 Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Eiphit:

17 Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Eiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

18 Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

19 Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir.

20 Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.

21 Agus bheir mise don t‑sluagh seo deagh-ghean ann an sealladh nan Eiphiteach: agus tàrlaidh, nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh;

22 Ach iarraidh gach bean o a ban-choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Eiphitich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan