Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 28 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.

2 Agus nì thu èideadh naomh dod bhràthair Aaron, airson glòire, agus airson maise.

3 Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

4 Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

5 Agus gabhaidh iad òr, agus gorm, agus corcar, agus sgàrlaid, agus anart grinn.

6 Agus nì iad an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, le obair ealanta.

7 Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.

8 Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

9 Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil.

10 Sia den ainmean air aon chloich, agus sia ainmean chàich air a’ chloich eile, a rèir an sinead.

11 Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.

12 Agus cuiridh tu an dà chloich air guaillean na h‑èphoid, mar chlachan cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearna air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan.

13 Agus nì thu failean òir;

14 Agus dà shlabhraidh de òr fìorghlan aig na cinn: nì thu iad de obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhraidhean fighte ris na failean.

15 Agus nì thu uchd-èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e.

16 Ceithir-cheàrnach bidh e, agus dà‑fhillte; rèis a fhad, agus rèis a leud.

17 Agus cuiridh tu ann suidheachadh chlach, eadhon ceithir sreathan chlach; a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal; seo a’ chiad sreath.

18 Agus an dara sreath; emerald, saphir, agus daoimean.

19 Agus an treas sreath; ligur, agat, agus ametist.

20 Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh.

21 Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.

22 Agus nì thu air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn de obair fhighte, de òr fìorghlan.

23 Agus nì thu air an uchd-èideadh dà fhàinne òir, agus cuiridh tu an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.

24 Agus cuiridh tu an dà shlabhraidh fhighte òir anns an dà fhàinne a tha air cinn an uchd-èididh.

25 Agus dà cheann eile an dà shlabhraidh fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, agus cuiridh tu iad air mìrean-guailne na h‑èphoid air a beulaibh.

26 Agus nì thu dà fhàinne òir, agus cuiridh tu iad air dà cheann an uchd-èididh anns an oir sin dheth, a tha aig taobh na h‑èphoid a‑staigh.

27 Agus nì thu dà fhàinne eile de òr, agus cuiridh tu iad air dà thaobh na h‑èphoid foidhpe, làimh ra cuid-thoisich, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.

28 Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

29 Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.

30 Agus cuiridh tu ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh.

31 Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm.

32 Agus bidh toll na mullach, na meadhon: bidh oir aice timcheall a tuill de obair fhighte, mar tholl lùirich-mhàillich, a‑chum is nach reubar i.

33 Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt.

34 Clag òir agus pomgranat, clag òir agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt.

35 Agus bidh i air Aaron gu frithealadh: agus cluinnear a fuaim, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh an làthair an Tighearna, agus nuair a thig e a‑mach, a‑chum nach bàsaich e.

36 Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

37 Agus cuiridh tu i air èill ghuirm, agus bidh i air a’ chrùn-shagairt: air taobh-beòil a’ chrùin-shagairt bidh i.

38 Agus bidh i air clàr-aodainn Aaroin, agus giùlainidh Aaron cionta nan nithean naomha, a choisrigeas clann Israeil nan tìodhlacan naomha uile: agus bidh i air clàr a aodainn an còmhnaidh, a‑chum is gum bi iad taitneach an làthair an Tighearna.

39 Agus nì thu an còta le obair ghrèise de anart grinn, agus nì thu an crùn-sagairt de anart grinn, agus nì thu an crios de obair shnàthaide.

40 Agus do mhic Aaroin nì thu còtaichean, agus nì thu dhaibh criosan, agus bonaidean nì thu dhaibh, airson glòire agus airson maise.

41 Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

42 Agus nì thu dhaibh briogaisean anairt a dh’fhalach an nochd: on leasraidh eadhon gus na slèisdean ruigidh iad.

43 Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan