Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 26 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

2 Fad aon chùirtein ochd làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein, ceithir làmhan-coille: an aon tomhas do na cùirteanan uile.

3 Bidh còig cùirteanan air an ceangal gach aon ri chèile; agus na còig cùirteanan eile air an ceangal gach aon ri chèile.

4 Agus nì thu lùban de ghorm air oir aon chùirtein, on iomall anns a’ choicheangal: agus, air a’ mhodh cheudna, nì thu ann an oir a’ chùirtein as fhaide a‑mach, ann an coicheangal an dara aoin.

5 Lethcheud lùb nì thu ann an aon chùirtean, agus lethcheud lùb nì thu ann an oir a’ chùirtein a tha ann an coicheangal an dara aoin; a‑chum is gun gabh na lùban greim de a chèile.

6 Agus nì thu lethcheud cromag òir, agus ceanglaidh tu na cùirteanan ri chèile leis na cromagan: agus bidh e na aon phàillean.

7 Agus nì thu cùirteanan de fhionnadh ghobhar gu bhith nan còmhdach air a’ phàillean: aon-chùirtean-deug nì thu dhiubh.

8 Fad aon chùirtein deich làmhan-coille ar fhichead, agus leud aon chùirtein ceithir làmhan-coille: bidh an t‑aon-chùirtean-deug uile a dh’aon tomhas.

9 Agus cuiridh tu ri chèile còig cùirteanan leo fhèin, agus sia cùirteanan leo fhèin, agus dùblaichidh tu an siathamh cùirtean air taobh-beòil a’ bhùtha.

10 Agus nì thu lethcheud lùb air oir an aon chùirtein as fhaide a‑mach anns a’ choicheangal, agus lethcheud lùb air oir a’ chùirtein a tha a’ coicheangal an dara aoin.

11 Agus nì thu lethcheud cromag de umha, agus cuiridh tu na cromagan anns na lùban, agus cuiridh tu am bùth ri chèile, air chor is gum bi e na aon.

12 Agus am fuidheall a dh’fhàgar de chùirteanan a’ bhùtha, leth a’ chùirtein a dh’fhàgar, crochar e thar taobh-cùil a’ phàillein.

13 Agus làmh-choille air an taobh seo, agus làmh-choille air an taobh eile de na dh’fhàgadh air am fad de chùirteanan a’ bhùtha, crochar e thar taobhan a’ phàillein, air an taobh seo, agus air an taobh eile, ga chòmhdachadh.

14 Agus nì thu còmhdach airson a’ bhùtha de chraicnean reitheachan air an dath dearg, agus còmhdach de chraicnean bhroc os a chionn.

15 Agus nì thu bùird airson a’ phàillein de fhiodh sitim, nan seasamh:

16 Deich làmhan-coille fad bùird, agus làmh-choille gu leth leud aon bhùird.

17 Bidh dà làimh aig aon bhòrd, air an cur an òrdagh fa chomhair a chèile; mar seo nì thu do uile bhùird a’ phàillein.

18 Agus nì thu na bùird airson a’ phàillein, fichead bòrd air an taobh deas, ris an àird a deas.

19 Agus nì thu dà‑fhichead cas airgid fon fhichead bòrd: dà chois fo aon bhòrd a rèir a dhà làimh, agus dà chois fo bhòrd eile a rèir a dhà làimh.

20 Agus airson an dara taoibh den phàillean air an taobh tuath, fichead bòrd;

21 Agus an dà‑fhichead cas de airgead, dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.

22 Agus airson taobhan a’ phàillein air an làimh an iar, nì thu sia bùird.

23 Agus nì thu dà bhòrd airson oisnean a’ phàillein anns an dà thaobh.

24 Agus bidh iad air an coicheangal foidhe, agus mar an ceudna bidh iad air an coicheangal os a chionn ri aon fhailbheig: mar seo nìthear dhaibh le chèile; bidh iad airson an dà oisne.

25 Agus bidh ochd bùird ann, agus an casan de airgead, sia-casan-deug; dà chois fo aon bhòrd, agus dà chois fo bhòrd eile.

26 Agus nì thu croinn de fhiodh sitim; còig airson nam bòrd air aon taobh den phàillean.

27 Agus còig croinn airson nam bòrd air an taobh eile den phàillean, agus còig croinn airson bùird taobhan a’ phàillein airson an dà thaoibh an iar.

28 Agus ruigidh an crann meadhonach ann am meadhon nam bòrd o cheann gu ceann.

29 Agus còmhdaichidh tu thairis na bùird le òr, agus nì thu am failbheagan de òr mar àiteachan do na croinn: agus còmhdaichidh tu thairis na croinn le òr.

30 Agus togaidh tu suas am pàillean a rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.

31 Agus nì thu brat de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte: de obair ealanta nìthear e, le ceruban.

32 Agus crochaidh tu e air ceithir puist de fhiodh sitim, air an còmhdachadh thairis le òr: agus bidh an cromagan de òr, air na ceithir buinn airgid.

33 Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.

34 Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair air àirc na Fianais, anns an ionad ro‑naomh.

35 Agus cuiridh tu am bòrd an leth a‑muigh den bhrat, agus an coinnleir fa chomhair a’ bhùird air taobh deas a’ phàillein: agus cuiridh tu am bòrd air an taobh tuath.

36 Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise.

37 Agus nì thu airson a’ chòmhdaich còig puist de fhiodh sitim, agus còmhdaichidh tu thairis iad le òr, agus tilgidh tu air an son còig buinn umha.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan