Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chaidh duine de thaigh Lèbhi, agus ghabh e nighean de Lèbhi na mnaoi.

2 Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac: agus nuair a chunnaic i gu robh e na leanabh tlachdmhor, dh’fhalaich i e rè trì mìosan.

3 Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne.

4 Agus sheas a phiuthar am fad uaithe, a dh’fhaicinn ciod a dhèante ris.

5 Agus thàinig nighean Phàraoh a‑nuas ga nighe fhèin anns an abhainn, agus bha a maighdeannan ag imeachd ri taobh na h‑aibhne; agus nuair a chunnaic i an cobhan am measg na cuilce, chuir i a banoglach ga thoirt da h‑ionnsaigh.

6 Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach.

7 An sin thubhairt a phiuthar ri nighinn Phàraoh, An tèid mise, agus an gairm mi dhut banaltram de na mnathan Eabhraidheach, a‑chum is gun altraim i an leanabh dhut?

8 Agus thubhairt nighean Phàraoh rithe, Falbh. Agus chaidh a’ mhaighdeann, agus ghairm i màthair an leinibh.

9 Agus thubhairt nighean Phàraoh rithe, Thoir an leanabh seo leat, agus altraim dhòmhsa e, agus bheir mi dhut do thuarasdal. Agus ghabh a’ bhean an leanabh, agus dh’altraim i e.

10 Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.

11 Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean.

12 Agus dh’amhairc e an taobh seo agus an taobh ud, agus nuair a chunnaic e nach robh aon duine ann, mharbh e an t‑Eiphiteach, agus dh’fhalaich e anns a’ ghaineamh e.

13 Agus nuair a chaidh e a‑mach an dara là, feuch, bha dithis de na h‑Eabhraidhich a’ strì ri chèile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, Carson a bhuaileas tu do choimhearsnach?

14 Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

15 A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar.

16 A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar.

17 Agus thàinig na buachaillean agus dh’fhuadaich iad air falbh iad: ach sheas Maois suas agus chuidich e leo, agus thug e uisge dan treud.

18 Agus nuair a thàinig iad gu Reuel an athair, thubhairt e, Cionnas a thàinig sibh cho luath an‑diugh?

19 Agus thubhairt iad, Shaor Eiphiteach sinn à làimh nam buachaillean, agus mar an ceudna tharraing e uisge gu leòr dhuinn, agus thug e uisge don treud.

20 Agus thubhairt esan ra nigheanan, Agus càit a bheil e? Carson a dh’fhàg sibh an duine? Gairmibh air, a‑chum is gun ith e aran.

21 Agus bha Maois toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine: agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi.

22 Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil.

23 Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.

24 Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choicheangal ri Abrahàm, ri Isaac, agus ri Iàcob.

25 Agus dh’amhairc Dia air cloinn Israeil, agus dh’fhiosraich e iad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan