Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 14 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2 Labhair ri cloinn Israeil, gun till iad, agus gun campaich iad fa chomhair Phi-hahiroit, eadar Migdol agus an fhairge, fa chomhair Bhàal-sèphoin; fa choinneamh-san campaichidh sibh làimh ris an fhairge.

3 Oir their Phàraoh mu chloinn Israeil, Tha iad air seachran anns an tìr, dh’iadh am fàsach man timcheall.

4 Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.

5 Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Eiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?

6 Agus bheartaich e a charbad, agus thug e a shluagh maille ris;

7 Agus thug e leis sia ceud carbad taghte, agus uile charbadan na h‑Eiphit, agus ceannardan orra uile.

8 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird.

9 Ach chaidh na h‑Eiphitich air an tòir (eich agus carbadan Phàraoh, agus a mharc-shluagh, agus a armailt uile), agus rug iad orra, agus iad a’ campachach làimh ris an fhairge, làimh ri Pi‑hahirot, fa chomhair Bhàal-sèphoin.

10 Agus nuair a thàinig Phàraoh am fagas, thog clann Israeil suas an sùilean, agus, feuch, bha na h‑Eiphitich air an tòir, agus bha eagal mòr orra: agus dh’èigh clann Israeil ris an Tighearna.

11 Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Eiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Eiphit?

12 Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach.

13 Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

14 Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd.

15 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Carson a tha thu ag èigheach riumsa? Abair ri cloinn Israeil dol air an aghaidh.

16 Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

17 Agus cruadhaichidh mise, eadhon mise, cridhe nan Eiphiteach, agus thèid iad a‑steach nan dèidh: agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh, agus a‑thaobh a shlòigh uile, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

18 Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a gheibh mi glòir a‑thaobh Phàraoh, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

19 Agus dh’fhalbh aingeal an Tighearna a chaidh ro champ Israeil, agus dh’imich e nan dèidh; agus dh’fhalbh am meall neòil o am beulaibh, agus sheas e air an cùlaibh.

20 Agus thàinig e eadar camp nan Eiphiteach agus camp Israeil, agus bha e na neul agus na dhorchadas dhaibh siud, ach shoillsich e an oidhche dhaibh seo, air chor is nach tàinig a h‑aon dhiubh am fagas da chèile rè na h‑oidhche.

21 Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan.

22 Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

23 Agus lean na h‑Eiphitich, agus chaidh iad a‑steach nan dèidh gu meadhon na fairge, eadhon eich Phàraoh uile, a charbadan, agus a mharc-shluagh.

24 Agus ann am faire na maidne dh’amhairc an Tighearna air sluagh nan Eiphiteach, tron mheall theine agus neòil; agus chlaoidh e armailt nan Eiphiteach.

25 Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

26 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, a‑chum gun tig na h‑uisgeachan air an ais air na h‑Eiphitich, air an carbadan, agus air am marc-shluagh.

27 Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thill an fhairge ga neart, nuair a shoillsich a’ mhadainn; agus theich na h‑Eiphitich na h‑aghaidh; agus chuir an Tighearna na h‑Eiphitich fodha ann am meadhon na fairge.

28 Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc-shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.

29 Ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

30 Mar seo shaor an Tighearna Israel air an là sin à làimh nan Eiphiteach: agus chunnaic Israel na h‑Eiphitich marbh air tràigh na fairge.

31 Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Eiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan