Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ecsodus 11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir mi aon phlàigh fhathast air Phàraoh, agus air an Eiphit; an dèidh sin leigidh e leibh imeachd as a seo: nuair a leigeas e leibh imeachd, gu cinnteach fuadaichidh e a‑mach as a seo sibh gu h‑iomlan.

2 Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban-choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir.

3 Agus thug an Tighearna deagh-ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Eiphiteach. Mar an ceudna, bha an duine Maois ro‑mhòr ann an tìr na h‑Eiphit, ann an sùilean seirbhisich Phàraoh, agus ann an sùilean an t‑sluaigh.

4 Agus thubhairt Maois, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mu mheadhon-oidhche thèid mi a‑mach do mheadhon na h‑Eiphit:

5 Agus gheibh gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit bàs, o chiad-ghin Phàraoh, a tha na shuidhe air a rìgh-chathair, eadhon gu ciad-ghin na ban-tràille a tha air cùl a’ mhuilinn, agus uile chiad-ghin nan ainmhidhean.

6 Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Eiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh.

7 Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.

8 Agus thig iad sin do sheirbhisich uile sìos am ionnsaigh-sa, agus cromaidh iad iad fhèin dhomh, ag ràdh, Imich a‑mach, agus an sluagh uile a tha gad leantainn; agus an dèidh sin thèid mi a‑mach. Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh ann an corraich mhòir.

9 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chan èisd Phàraoh ribh, a‑chum is gum meudaichear m’iongantasan ann an tìr na h‑Eiphit.

10 Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan