Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eclesiastes 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Is fheàrr deagh ainm na ola-ungaidh luachmhor, agus là bàis na là breith neach.

2 Is fheàrr dol do thaigh a’ bhròin na dol do thaigh na cuirme; oir is e sin crìoch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beò ga chridhe e.

3 Is fheàrr doilgheas na gàire; oir le dubhachas na gnùise nìthear an cridhe nas fheàrr.

4 Tha cridhe nan daoine glice ann an taigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an taigh an t‑subhachais.

5 Is fheàrr èisdeachd ri achmhasan duine glic na gun èisdeadh duine ri òran amadan.

6 Oir mar fhuaim droighnich fo phoit, mar sin tha gàire an amadain: is dìomhanas seo mar an ceudna.

7 Gu cinnteach cuiridh fòirneart duine glic air bhoile, agus millidh tìodhlac an cridhe.

8 Is fheàrr deireadh nì na a thoiseach: is fheàrr esan a tha foighidinneach na spiorad na esan a tha àrdanach na spiorad.

9 Na deifrich ann ad spiorad gu fearg a ghabhail; oir còmhnaichidh fearg ann an uchd amadan.

10 Na abair, Ciod a b’adhbhar gu robh na ciad làithean na b’fheàrr na iad seo? Oir chan ann o ghliocas a dh’fheòraicheas tu mun nì seo.

11 Is math gliocas maille ri oighreachd: agus le sin tha tairbhe acasan a chì a’ ghrian.

12 Oir is dìdean gliocas, agus is dìdean airgead: ach is e òirdheirceas an eòlais gun toir gliocas beatha dhaibhsan aig am bi e.

13 Smaoinich air obair Dhè: oir cò as urrainn an nì sin a dhèanamh dìreach a rinn esan cam?

14 Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh.

15 Chunnaic mi na h‑uile nithean ann an làithean mo dhìomhanais; tha fìrean ann a bhàsaicheas na fhìreantachd, agus tha duine aingidh ann a shìneas a làithean na aingidheachd.

16 Na bi anabarrach fìreanta, agus na gabh ort a bhith ro‑ghlic: carson a sgriosadh tu thu fhèin?

17 Na bi ro‑aingidh, agus na bi amaideach: carson a dh’eugadh tu rod àm?

18 Is math dhut greim a ghabhail dheth seo, agus o seo mar an ceudna na tabhair air a h‑ais do làmh; oir an tì air am bi eagal Dhè, thig e asda sin uile.

19 Neartaichidh gliocas duine glic nas mò na deichnear dhaoine cumhachdach a tha anns a’ chathair.

20 Oir chan eil duine ceart air an talamh, a nì math, agus nach peacaich.

21 Mar an ceudna na tabhair aire do na h‑uile bhriathran a labhrar, air eagal gun cluinn thu d’òglach gad mhallachadh.

22 Oir tha fhios aig do chridhe gur minig a mhallaich thu fhèin daoine eile mar an ceudna.

23 Seo uile dhearbh mi le gliocas: thubhairt mi, Bidh mi glic; ach b’fhada sin uam.

24 An nì sin a tha fada as, agus ro‑dhomhain, cò a dh’fhaodas a fhaotainn a mach?

25 Leag mi mo chridhe air faotainn eòlais air, agus air rannsachadh, agus air sireadh gliocais, agus adhbhair nithean, agus air fios a bhith agam air aingidheachd amaideachd, agus air amaideachd na mì‑chèille.

26 Agus fhuair mi nas seirbhe na am bàs a’ bhean aig a bheil a cridhe na ribeachan agus na lìontan, agus a làmhan nan ceanglaichean: ge bè neach a thaitneas ri Dia, thèid e as uaipe; ach glacar am peacach leatha.

27 Feuch, an nì seo fhuair mi, arsa an Searmonaiche, a’ meas gach aoin an dèidh a chèile, a dh’fhaotainn an adhbhair a mach:

28 Nì a tha m’anam ag iarraidh fhathast, ach nach d’fhuair mi: aon fhear am measg mhìle fhuair mi, ach bean nam measg sin uile cha d’fhuair mi.

29 Feuch, an nì seo a‑mhàin fhuair mi, gun do rinn Dia an duine ionraic; ach dh’iarr iad fhèin iomadh innleachd a‑mach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan