Eclesiastes 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Aig gach nì tha tràth, agus àm aig gach rùn fo nèamh: 2 Am gu breith, agus àm gu bàs fhaotainn; àm gu suidheachadh, agus àm gus an nì a shuidhicheadh a spìonadh suas; 3 Am gu marbhadh, agus àm gu leigheas; àm gu briseadh sìos, agus àm gu togail suas; 4 Am gu gul, agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsa; 5 Am gu clachan a thilgeadh air falbh, agus àm gu clachan a chruinneachadh; àm gu gabhail an glacan, agus àm gu fantainn o ghabhail an glacan; 6 Am gu cosnadh, agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh; 7 Am gu reubadh, agus àm gu fuaigheal; àm gu bhith tosdach, agus àm gu labhairt; 8 Am gu gràdhachadh, agus àm gu fuathachadh; àm gu cogadh, agus àm gu sìth; 9 Ciod an tairbhe a tha aigesan a dh’obraicheas, anns an nì sin anns an saothraich e? 10 Chunnaic mi an t‑saothair a thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe. 11 Rinn e gach nì maiseach na àm fhèin: chuir e mar an ceudna an saoghal nan cridhe, air chor is nach urrainn aon duine an obair fhaotainn a‑mach a tha Dia a’ dèanamh, o thoiseach gu deireadh. 12 Tha fhios agam nach eil math air bith annta, ach gum biodh duine subhach, agus gun dèanadh e math rè a bheatha. 13 Agus mar an ceudna gun itheadh agus gun òladh gach duine, agus gum mealadh e math a shaothrach uile, is e sin tìodhlac Dhè. 14 Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth; cha ghabh aon nì cur ris, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe. 15 An nì a bha, tha e ann a‑nis; agus an nì a bhitheas, bha e ann cheana; agus iarraidh Dia an nì a chaidh seachad. 16 Agus os bàrr, chunnaic mi fon ghrèin àit a’ bhreitheanais, gu robh euceart an sin; agus àite na fìreantachd, gu robh aingidheachd an sin. 17 Thubhairt mi am chridhe, Bheir Dia breith air an fhìrean agus air an aingidh: oir tha àm an sin a‑chum gach uile rùin, agus a‑chum gach uile obrach. 18 Thubhairt mi ann am chridhe a‑thaobh staid clann nan daoine, gun glanadh Dia iad, agus gum faiceadh iad gur ainmhidhean iad fhèin. 19 Oir an nì sin a thachras do chloinn nan daoine, tachraidh e do na h‑ainmhidhean; tachraidh dìreach an aon nì dhaibh: mar a dh’eugas aon dhiubh, is ann mar sin a dh’eugas an t‑aon eile; seadh, is i an aon anail a tha aca uile; agus chan eil barrachd aig duine air ainmhidh, oir is dìomhanas iad uile. 20 Thèid iad uile do aon àite; tha iad uile on duslach, agus tillidh iad uile don duslach. 21 Cò don aithne spiorad clann nan daoine a thèid suas, agus spiorad an ainmhidh a thèid sìos a‑chum na talmhainn? 22 Uime sin tha mi ag aithneachadh nach eil nì as fheàrr na gun dèanadh duine gàirdeachas na obraichean, a chionn gur e sin a chuibhreann: oir cò a bheir e a dh’fhaicinn an nì a bhios na dhèidh? |