Eclesiastes 11 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Tilg d’aran air aghaidh nan uisgeachan; oir an dèidh mòran làithean gheibh thu e. 2 Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh. 3 Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i. 4 An tì a bheir an aire don ghaoith, cha chuir e sìol; agus an tì a dh’amhairceas air na neòil, cha bhuain e. 5 Mar nach eil fhios agad ciod i slighe an spioraid, no cionnas a dh’fhàsas na cnàmhan ann am broinn na mnà a bhios torrach, is amhail sin nach eil fhios agad air obraichean Dhè, mar a nì e na h‑uile nithean. 6 Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math. 7 Gu deimhinn is milis an solas, agus is taitneach do na sùilean sealltainn air a’ ghrèin. 8 Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig. 9 Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu. 10 Uime sin atharraich doilgheas od chridhe, agus cuir olc air falbh od fheòil; oir is dìomhanas leanabachd agus òige. |