Eclesiastes 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Bheir cuileagan marbha air ola-ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim. 2 Tha cridhe duine glic air a làimh dheis; ach cridhe amadain air a làimh chlì. 3 Anns an t‑slighe fhèin, nuair a shiùbhlas an t‑amadan, trèigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine gur amadan e. 4 Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra. 5 Tha olc a chunnaic mi fon ghrèin, mar sheachran a thig o làthair an uachdarain; 6 Cuirear amaideachd an inbhe mhòir, agus suidhidh na saoibhir ann an ionad ìosal. 7 Chunnaic mi òglaich air eich agus uachdarain a’ siubhal mar sheirbhisich air an talamh. 8 An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann; agus an tì a bhriseas callaid, teumaidh nathair e. 9 An tì a dh’atharraicheas clachan, gortaichear e leo; agus an tì a sgoilteas fiodh, bidh e an cunnart uaithe. 10 Ma bhios an t‑iarann maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach tha gliocas tairbheach a sheòladh. 11 Gu deimhinn teumaidh an nathair gun srann, agus chan fheàrr am bith-bhriathrach. 12 Tha briathran beul duine glic gràsail; ach sluigidh bilean amadain e fhèin suas. 13 Is amaideachd toiseach briathran a bheòil; agus is cuthach millteach deireadh a chainnte. 14 Agus tha amadan làn de bhriathran: chan eil fhios aig duine ciod a bhios ann: agus ciod a bhios ann na dhèidh, cò as urrainn innse dha? 15 Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair. 16 Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn! 17 Is sona thu, a thìr, nuair as e do rìgh mac nan uasal, agus a dh’itheas d’uachdarain ann an àm iomchaidh, a‑chum neirt, agus chan ann a‑chum misge! 18 Le mòran leisge thèid an aitreabh sìos; agus le dìomhanas nan làmh snidhidh an taigh troimhe. 19 Nìthear cuirm a‑chum aiteis, agus nì fìon duine subhach: ach freagraidh an t‑airgead na h‑uile nithean. 20 Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis. |