Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eclesiastes 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Briathran an t‑Searmonaiche, mac Dhaibhidh, rìgh ann an Ierusalem.

2 Dìomhanas nan dìomhanas! arsa an Searmonaiche; dìomhanas nan dìomhanas! Is dìomhanas na h‑uile nithean.

3 Ciod an tairbhe a tha aig duine na uile shaothair a nì e fon ghrèin?

4 Tha aon ghinealach a’ siubhal, agus ginealach eile a’ teachd; ach fanaidh an talamh gu bràth.

5 Eiridh mar an ceudna a’ ghrian, agus thèid a’ ghrian fodha, agus luathaichidh i da h‑àite fhèin as an d’èirich i.

6 Thèid a’ ghaoth a làimh na h‑àird a deas, agus thèid i mun cuairt don àird a tuath; thèid i mun cuairt agus mun cuairt a‑ghnàth, agus ath-thillidh a’ ghaoth air a cuairtean fhèin.

7 Ruithidh na h‑aibhnichean uile a‑chum na mara, gidheadh chan eil a’ mhuir làn: a‑chum an àite as an tàinig na h‑aibhnichean, thuige sin tillidh iad a‑rìs.

8 Tha na h‑uile nithean làn de shaothair; chan urrainn duine a chur an cèill: cha sàsaichear an t‑sùil le faicinn, agus cha lìonar a chluas le cluinntinn.

9 An nì a bha ann, is e an nì sin fhèin a bhitheas ann; agus an nì sin a rinneadh, is e an nì sin fhèin a nìthear; agus chan eil nì sam bith nuadh fon ghrèin.

10 A bheil nì ann mum faodar a ràdh, Feuch, tha e seo nuadh? Bha e ann cheana anns an t‑seann aimsir a bha ann romhainn.

11 Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh.

12 Bha mise an Searmonaiche am rìgh air Israel ann an Ierusalem.

13 Agus thug mi mo chridhe a shireadh agus a rannsachadh le gliocas, mu thimcheall gach nì a nìthear fo nèamh: an t‑saothair ghoirt seo thug Dia do chloinn nan daoine, a‑chum an cleachdadh fhèin rithe.

14 Chunnaic mi na h‑uile obraichean fon ghrèin; agus, feuch, is dìomhanas iad uile, agus buaireadh spioraid.

15 An nì a tha cam, cha ghabh e dèanamh dìreach; agus an nì a tha a dh’easbhaidh, cha ghabh e àireamh.

16 Labhair mi rim chridhe fhèin, ag ràdh, Feuch, dh’fhàs mi mòr, agus fhuair mi tuilleadh gliocais na iadsan uile a bha romham ann an Ierusalem, agus chunnaic mo chridhe mòran gliocais agus eòlais.

17 Agus thug mi mo chridhe a dh’fhaotainn eòlais air gliocas, agus air cuthach agus amaideachd: dh’aithnich mi gur buaireadh spioraid e seo mar an ceudna.

18 Oir ann am mòran gliocais tha mòran doilgheis; agus an tì a mheudaicheas eòlas, meudaichidh e bròn.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan