Eabhraidhich 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan; 2 Ministear an ionaid naoimh, agus an fhìor phàillein, a shuidhich an Tighearna, agus cha b’e duine. 3 Oir tha gach uile àrd-shagart air òrdachadh a‑chum tìodhlacan agus ìobairtean a thoirt suas: uime sin b’èiginn gum biodh aig an duine seo mar an ceudna nì‑eigin ra thabhairt suas. 4 Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha: 5 Muinntir a tha a’ dèanamh seirbhis le samhladh agus sgàil nan nithean nèamhaidh, a rèir mar a dh’òrdaicheadh do Mhaois le Dia nuair a bha e air tì am pàillean a chur suas. Oir feuch (tha e ag ràdh) gun dèan thu na h‑uile nithean a rèir an t‑saimpleir a nochdadh dhut anns an t‑sliabh. 6 Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar-mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr. 7 Oir nam biodh an ciad choicheangal sin gun uireasbhaidh, chan iarrte àite don dara coicheangal. 8 Oir, a’ faotainn croin dhaibh, tha e ag ràdh, Feuch, thig na làithean (tha an Tighearna ag ràdh), anns an dèan mi coicheangal nuadh ri taigh Israeil, agus ri taigh Iùdah: 9 Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do rug mi air làimh orra a‑chum an treòrachadh a‑mach à talamh na h‑Eiphit; do bhrìgh nach d’fhan iad ann am choicheangal, agus chuir mise suarach iadsan, tha an Tighearna ag ràdh. 10 Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa. 11 Agus cha teagaisg iad gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabh eòlas air an Tighearna: oir bidh eòlas aca uile orm, on neach as lugha gus an neach as mò dhiubh. 12 Oir bidh mise tròcaireach dan euceartan, agus am peacaidhean agus an aingidheachd cha chuimhnich mi nas mò. 13 Am feadh a tha e ag ràdh, Coicheangal nuadh, rinn e an ciad choicheangal sean. A‑nis an nì a tha aosda agus air fàs sean, tha e fagas do dhol as an t‑sealladh. |