Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Deuteronomi 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus ghairm Maois air Israel uile, agus thubhairt e riu, Eisd, O Israeil, ris na reachdan agus na breitheanais a labhras mi nur cluasan air an là‑an‑diugh, a‑chum gum fòghlaim sibh iad, agus gun glèidh agus gun dèan sibh iad.

2 Rinn an Tighearna ar Dia coicheangal rinn ann an Hòreb.

3 Cha do rinn an Tighearna an coicheangal seo ri ar n‑athraichean, ach rinne, eadhon rinne a tha uile beò an seo air an là‑an‑diugh.

4 Aghaidh ri aghaidh labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine.

5 (Sheas mise eadar an Tighearna agus sibhse anns an àm sin, a nochdadh dhuibh facal an Tighearna: oir bha eagal oirbh ron teine, agus cha deachaidh sibh suas don t‑sliabh), ag ràdh,

6 Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thusa à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

7 Na biodh diathan sam bith eile agad am fhianais.

8 Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte, no coslas air bith a dh’aon nì a tha shuas air nèamh, no a tha shìos air an talamh, no a tha anns na h‑uisgeachan fon talamh.

9 Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air an treas agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi,

10 Agus a’ dèanamh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a ghleidheas m’àitheantan.

11 Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas: oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.

12 Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut.

13 Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile;

14 Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là seo cha dèan thu obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, no d’òglach, no do bhanoglach, no do dhamh, no d’asal, no aon air bith ded sprèidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan; a‑chum is gun gabh d’òglach agus do bhanoglach fois cho math riut fhèin.

15 Agus cuimhnich gu robh thu fhèin ad sheirbhiseach ann an tìr na h‑Eiphit, agus gun tug an Tighearna do Dhia a‑mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte a‑mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut an t‑sàbaid a choimhead.

16 Tabhair urram dod athair agus dod mhàthair, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut; a‑chum gum buanaichear do làithean, agus gun èirich gu math dhut, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut.

17 Na dèan mort.

18 Cha mhò a nì thu adhaltranas.

19 Cha mhò a ghoideas tu.

20 Cha mhò a bheir thu fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

21 Cha mhò a mhiannaicheas tu bean do choimhearsnaich, cha mhò a shanntaicheas tu taigh do choimhearsnaich, a fhearann, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no nì air bith as led choimhearsnach.

22 Na briathran sin labhair an Tighearna ri ur coitheanal uile anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, an neòil agus an dubh-dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhòmhsa iad.

23 Agus nuair a chuala sibh an guth à meadhon an dorchadais, agus an sliabh a’ losgadh le teine, an sin thàinig sibh am fagas dhòmhsa, eadhon uile cheannardan ur treubhan, agus ur seanairean,

24 Agus thubhairt sibh, Feuch, dh’fhoillsich an Tighearna ar Dia dhuinn a ghlòir, agus a mhòrachd, agus chuala sinn a ghuth à meadhon an teine: chunnaic sinn an‑diugh gun labhair Dia ri duine, agus gum mair e beò.

25 A‑nis uime sin carson a gheibheamaid bàs? Oir loisgidh an teine mòr seo sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearna ar Dia tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn.

26 Oir cò den uile fheòil a chuala guth an Dè bheò a’ labhairt à meadhon an teine, mar a rinn sinne, agus a mhair beò?

27 Theirig-sa am fagas, agus èisd ris na h‑uile nithean a their an Tighearna ar Dia; agus labhair thusa rinne gach nì a their an Tighearna ar Dia riut, agus èisdidh sinne ris, agus nì sinn e.

28 Agus chuala an Tighearna guth ur briathran, nuair a labhair sibh rium: agus thubhairt an Tighearna rium, Chuala mi guth briathran an t‑sluaigh seo, a labhair iad riut: is math a thubhairt iad gach nì a labhair iad.

29 O gum biodh an gnè cridhe seo annta, gum biodh m’eagal-sa orra, agus gun gleidheadh iad m’àitheantan uile a‑ghnàth, a‑chum gun èireadh gu math dhaibh, agus dan cloinn gu bràth!

30 Imich, abair riu, Rachaibh dur bùthan a‑rìs.

31 Ach dod thaobh-sa, seas an seo làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h‑àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais, a theagaisgeas tu dhaibh, a‑chum is gun dèan iad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhaibh ra shealbhachadh.

32 Bheir sibh an aire, uime sin, gun dèan sibh mar a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh: cha chlaon sibh a thaobh a‑chum na làimhe deise no clìthe.

33 Anns gach slighe a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a‑chum gum bi sibh beò, agus gun èirich gu math dhuibh, agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a shealbhaicheas sibh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan