Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Deuteronomi 24 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Nuair a ghabhas fear bean, agus a phòsas e i, agus gun tachair nach faigh i deagh-ghean na shùilean, a chionn gun d’fhuair e neòghlaine-eigin innte; an sin sgrìobhadh e litir-dhealachaidh dhi, agus thugadh e na làimh i, agus cuireadh e a‑mach as a thaigh i.

2 Agus nuair a dh’fhalbhas i a‑mach as a thaigh, faodaidh i dol agus a bhith na mnaoi aig fear eile.

3 Agus ma dh’fhuathaicheas am fear-pòsda mu dheireadh seo i, agus gun sgrìobh e litir-dhealachaidh dhi, agus gun toir e na làimh i, agus gun cuir e a‑mach as a thaigh i; no ma gheibh am fear mu dheireadh bàs, a ghabh i na mnaoi dha fhèin;

4 Chan fhaod a ciad fhear-pòsda a chuir uaithe i, a gabhail a‑rìs gu bhith na mnaoi dha, an dèidh dhi a bhith air a truailleadh; oir is gràinealachd sin an làthair an Tighearna: agus cha toir thu air an fhearann peacachadh, a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd.

5 Nuair a ghabhas duine bean nuadh, cha tèid e a‑mach gu cogadh, cha mhò a chuirear cùram gnothaich sam bith air: fanaidh e saor aig a thaigh fhèin aon bhliadhna, agus bheir e subhachas da mhnaoi a ghabh e.

6 Cha ghabh duine sam bith a’ chlach-mhuilinn ìochdarach no uachdarach mar gheall: oir tha e a’ gabhail anam duine mar gheall.

7 Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg.

8 Thoir an aire, ann am plàigh na luibhre, gun toir thu fa‑near gu dùrachdach, agus gun dèan thu a rèir nan uile nithean a theagaisgeas na sagartan, na Lèbhithich, dhuibh: a rèir mar a dh’àithn mi dhaibh, bheir sibh fa‑near gun dèan sibh.

9 Cuimhnich ciod a rinn an Tighearna do Dhia ri Miriam air an t‑slighe, an dèidh dhuibh teachd a‑mach as an Eiphit.

10 Nuair a bheir thu dod choimhearsnach nì sam bith an coingheall, cha tèid thu a‑steach da thaigh a ghabhail a ghill.

11 A‑muigh seasaidh tu, agus bheir an duine da bheil thu a’ toirt an coingheall, an geall a‑mach dhut.

12 Agus ma bhios an duine bochd, cha chaidil thu le a gheall.

13 Air gach aon chor bheir thu air ais dha an geall a‑rìs, nuair a thèid a’ ghrian fodha, a‑chum gun caidil e na aodach fhèin, agus gum beannaich e thu: agus bidh seo na ionracas dhut an làthair an Tighearna do Dhia.

14 Cha dèan thu fòirneart air seirbhiseach tuarasdail a tha bochd agus uireasbhaidheach, co‑dhiù a tha e ded bhràithrean, no ded choigrich, a tha ann ad fhearann an taobh a‑staigh ded gheatachan.

15 Air a là bheir thu dha a thuarasdal, agus cha tèid a’ ghrian sìos air, oir tha e bochd, agus a’ suidheachadh a chridhe air; air eagal gun glaodh e ad aghaidh ris an Tighearna, agus gum bi e na pheacadh dhut.

16 Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson na cloinne, cha mhò a chuirear a’ chlann gu bàs airson nan athraichean: cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.

17 Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall.

18 Ach cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit, agus gun do shaor an Tighearna do Dhia thu as a sin: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.

19 Nuair a bhuaineas tu d’fhoghar ad achadh, agus a dhìochuimhnicheas tu sguab anns an achadh, cha till thu ga togail: airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh i; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làmh.

20 Nuair a chrathas tu do chrann-ola, cha tèid thu thairis air na geugan a‑rìs: airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh e.

21 Nuair a chruinnicheas tu fìon-dhearcan d’fhìonlios, cha ghlan thu gu buileach ad dhèidh e; airson a’ choigrich, airson an dìlleachdain, agus airson na bantraich bidh e.

22 Agus cuimhnichidh tu gu robh thu ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan