Daniel 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 B’i toil Dhariuis ceud agus fichead uachdaran a chur os cionn na rìoghachd, muinntir a bhiodh os cionn na rìoghachd uile; 2 Agus os an cionn seo trì àrd-uachdarain (dem b’e Daniel a’ chiad aon), a‑chum gun tugadh na h‑uachdarain an cunntais dhaibh, agus nach biodh calldach air bith aig an rìgh. 3 An sin bha Daniel seo air àrdachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad òirdheirc ann; agus bha e an aire an rìgh a chur os cionn na rìoghachd uile. 4 An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann. 5 An sin thubhairt a’ mhuinntir seo, Chan fhaigh sinn cùis air bith an aghaidh an Danieil seo, mura faigh sinn i na aghaidh a‑thaobh reachd a Dhè. 6 An sin chruinnich na h‑uachdarain agus na prionnsachan seo ri chèile a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris mar seo, A rìgh Dhariuis, mair beò gu bràth. 7 Ghabh uile uachdarain na rìoghachd, an luchd-riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlichean agus na cinn-fheadhna, comhairle le chèile gu reachd rìoghail a dhaingneachadh, agus òrdagh làidir a dhèanamh, ge bè a dh’iarras athchuinge air bith air aon dia no duine rè deich-làithean-fichead, ach ortsa, O rìgh, gun tilgear e ann an garaidh nan leòmhann. 8 A‑nis, O rìgh, daingnich an t‑òrdagh agus seulaich an sgrìobhadh, a‑chum nach caochlaidhear e, a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach fhaodar atharrachadh. 9 Uime sin sheulaich rìgh Darius an sgrìobhadh agus an t‑òrdagh. 10 A‑nis nuair a thuig Daniel gun deachaidh an sgrìobhadh a sheulachadh, chaidh e a‑chum a thaighe agus air da uinneagan a bhith fosgailte na sheòmar ri Ierusalem, thuit e sìos air a ghlùinean trì uairean anns an là, agus rinn e ùrnaigh, agus thug e buidheachas an làthair a Dhè, mar a rinn e anns an aimsir roimhe. 11 An sin chruinnich na daoine seo, agus fhuair iad Daniel ri ùrnaigh, agus a’ dèanamh athchuinge ann an làthair a Dhè. 12 An sin thàinig iad am fagas, agus labhair iad ann am fianais an rìgh mu thimcheall òrdagh an rìgh, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a nì athchuinge ri aon dia no duine, an taobh a‑staigh de dheich-làithean-fichead, ach riutsa, O rìgh, gun tilgear ann an garaidh nan leòmhann e? Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Tha an nì fìor a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach atharraichear. 13 An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an làthair an rìgh, Daniel sin a tha de chloinn bruid Iùdah, chan eil suim aige dhìotsa, O rìgh, no den reachd a sheulaich thu, ach tha e ri athchuinge trì uairean anns an là. 14 An sin bha an rìgh, nuair a chuala e na briathran, ro‑dhiombach dheth fhèin, agus shuidhich e a chridhe air Daniel ga shaoradh: agus shaothraich e gu dol fodha na grèine a‑chum a thèarnadh. 15 An sin chruinnich na daoine seo a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Biodh fhios agad, O rìgh, gur e lagh nam Mèdach agus nam Persach nach faodar òrdagh no reachd air bith a dhaingnich an rìgh a chaochladh. 16 An sin dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo Daniel, agus thilg iad e do gharaidh nan leòmhann: agus labhair an rìgh ri Daniel, ag ràdh, Do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis a‑ghnàth, nì esan do thèarnadh. 17 Agus thugadh clach, agus leagadh air beul na garaidh i; agus sheulaich an rìgh le a sheula fhèin i, agus le seula a thighearnan; a‑chum nach biodh a’ chomhairle air a h‑atharrachadh mu thimcheall Dhanieil. 18 An sin chaidh an rìgh da lùchairt, agus chaith e an oidhche ri trasg: cha mhò a thugadh innealan-ciùil na làthair; agus dh’imich a chadal uaithe. 19 An sin dh’èirich an rìgh gu ro‑mhoch anns a’ mhadainn, agus chaidh e gu luath gu garaidh nan leòmhann. 20 Agus nuair a thàinig e a‑chum na garaidh, ghlaodh e le guth muladach ri Daniel; seadh, labhair an rìgh, ag ràdh ri Daniel, O Dhanieil, òglach an Dè bheò, a bheil do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis an còmhnaidh, comasach air do thèarnadh o na leòmhainn? 21 An sin thubhairt Daniel, O rìgh mair beò gu bràth. 22 Chuir mo Dhia-sa a‑nuas aingeal, agus dhruid e beòil nan leòmhann, air chor is nach do rinn iad mo dhochann: do bhrìgh na fhianais gun d’fhuaireadh neochiontas annam; agus fòs ad fhianais-sa, O rìgh, cha do rinn mi cron sam bith. 23 An sin bha an rìgh ro‑aoibhneach air a shon, agus dh’àithn e gun tugadh iad Daniel a‑nìos as a’ gharaidh, agus cha d’fhuaireadh gnè air bith de dhochainn air, a chionn gun do chreid e na Dhia. 24 Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo na daoine sin a rinn casaid air Daniel, agus thilg iad iad do gharaidh nan leòmhann, iad fhèin, an clann, agus am mnathan; agus thug na leòmhainn buaidh orra, agus bhris iad an cnàmhan uile nam bloighdean, mun do ràinig iad ìochdar na garaidh. 25 An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh. 26 Tha mise a’ toirt òrdaigh, anns gach uile thighearnas dem rìoghachd, gum bi crith agus eagal air daoine ro Dhia Dhanieil: oir is esan an Dia beò agus bunaiteach gu bràth, agus a rìoghachd-san cha sgriosar a‑chaoidh, agus a uachdaranachd tha gus a’ chrìoch. 27 Saoraidh esan, agus tèarnaidh e, agus obraichidh e comharraidhean agus mìorbhailean air nèamh agus air talamh, neach a shaor Daniel o chumhachd nan leòmhann. 28 Mar seo shoirbhich Daniel seo ann an linn Dhariuis, agus ann an linn Chìruis am Persach. |