Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Daniel 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Rinn Belsasar an rìgh cuirm mhòr do mhìle de a thighearnan, agus dh’òl e fìon ann an làthair a’ mhìle.

2 Dh’àithn Belsasar, nuair a bhlais e am fìon, na soithichean òir agus airgid a thug a athair Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem a thoirt da ionnsaigh, a‑chum gun òladh an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.

3 An sin thug iad thuige na soithichean òir a thugadh à teampall taigh Dhè, a bha ann an Ierusalem; agus dh’òl an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.

4 Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche.

5 Anns an uair sin fhèin thàinig a‑mach meòir làmh duine, agus sgrìobh iad thall fa chomhair a’ choinnleir, air aghaidh balla lùchairt an rìgh; agus chunnaic an rìgh a’ chuid den làimh a sgrìobh.

6 An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile.

7 Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

8 An sin thàinig uile dhaoine glice an rìgh a‑steach; ach cha b’urrainn iad an sgrìobhadh a leughadh, no fios a thoirt don rìgh air a bhrìgh.

9 An sin bha an rìgh Belsasar gu mòr air a bhuaireadh, agus bha a ghnùis air a h‑atharrachadh, agus bha uamhas air a thighearnan.

10 A‑nis thàinig a’ bhànrighinn airson briathran an rìgh agus a thighearnan a‑steach gu taigh na cuirme; agus labhair a’ bhànrighinn ag ràdh, O rìgh mair beò gu bràth: na dèanadh do smuaintean do bhuaireadh, agus na biodh do ghnùis air a caochladh.

11 Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;

12 Do bhrìgh gun d’fhuaireadh spiorad òirdheirc, agus eòlas, agus tuigse, mìneachadh bhruadar, agus foillseachadh cheistean cruaidhe, agus fuasgladh imcheistean, anns an Daniel seo fhèin, air an tug an rìgh mar ainm Beltesasar: a‑nis biodh Daniel air a ghairm, agus foillsichidh esan a bhrìgh.

13 An sin thugadh Daniel a‑steach an làthair an rìgh; agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, An tusa an Daniel sin a tha de chloinn braighdeanas Iùdah, a thug an rìgh, m’athair, à tìr nan Iùdhach?

14 Chuala mise iomradh ort, gu bheil spiorad nan diathan annad, agus gu bheil solas, agus tuigse, agus gliocas òirdheirc air fhaotainn annad.

15 Agus a‑nis thugadh na daoine glice, na speuradairean, a‑steach am fhianais, a‑chum gun leughadh iad an sgrìobhadh seo, agus gun tugadh iad dhòmhsa fios air a bhrìgh: ach cha b’urrainn iad brìgh na cùise fhoillseachadh.

16 Agus chuala mi dod thaobh-sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

17 An sin fhreagair Daniel, agus thubhairt e an làthair an rìgh, Biodh do thìodhlacan agad fhèin, agus thoir do dhuaisean do neach eile; gidheadh leughaidh mise an sgrìobhadh don rìgh, agus leigidh mi ris a bhrìgh dha.

18 O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

19 Agus airson na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h‑uile shlòigh, fhineachan, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an tì a b’àill leis, agus an neach a b’àill leis chumadh e beò, agus an neach a b’àill leis chuireadh e suas, agus an neach a b’àill leis chuireadh e sìos.

20 Ach nuair a bha a chridhe air a thogail suas, agus a inntinn air a cruadhachadh ann an uabhar, chuireadh sìos o a chathair rìoghail e, agus thug iad a ghlòir uaithe.

21 Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis.

22 Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ìslich thu do chridhe, ged bha fhios agad air seo uile:

23 Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

24 An sin chuireadh a’ chuid den làimh uaithe, agus bha an sgrìobhadh seo air a sgrìobhadh.

25 Agus seo an sgrìobhadh a bha air a sgrìobhadh, MENE, MENE, TECEL, UPHARSIN.

26 Seo brìgh na cùise; MENE, rinn Dia do rìoghachd àireamh, agus chrìochnaich e i.

27 TECEL, tha thu air do thomhas air a’ mheidh, agus fhuaireadh easbhaidheach thu.

28 PERES, roinneadh do rìoghachd, agus thugadh i do na Mèdaich agus do na Persaich.

29 An sin dh’àithn Belsasar gun èideadh iad Daniel le sgàrlaid, agus gun cuireadh iad slabhraidh òir ma mhuineal, agus gun glaodhadh iad ma thimcheall gum b’e an treas fear-riaghlaidh a bhiodh anns an rìoghachd.

30 Air an oidhche sin chaidh Belsasar rìgh nan Caldèanach a mharbhadh.

31 Agus ghlac Darius am Mèdach an rìoghachd, agus e mu thimcheall trì-fichead agus dà bhliadhna a dh’aois.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan