Daniel 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh. 2 Chunnacas ceart dhòmhsa gun cuirinn an cèill na comharraidhean agus na mìorbhailean a dh’obraich an t‑àrd Dhia dom thaobh. 3 Cia mòr a chomharraidhean! Agus cia cumhachdach a mhìorbhailean! A rìoghachd-san is rìoghachd shìorraidh i, agus tha a uachdaranachd o linn gu linn. 4 Bha mise Nebuchadnesar gu suaimhneach ann am thaigh, agus gu h‑àlainn ann am lùchairt: 5 Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh. 6 Uime sin thug mi teann-òrdagh uile dhaoine glice Bhàbiloin a thoirt a‑steach am fhianais, a‑chum gun tugadh iad fios dhomh air brìgh a’ bhruadair. 7 An sin thàinig a‑steach na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean: agus dh’innis mi am bruadar nan làthair; ach cha tug iad fios dhomh air a bhrìgh. 8 Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh, 9 O Bheltesasair, thusa as àirde de na draoidhean, a chionn gu bheil fhios agam gu bheil spiorad nan diathan naomha annadsa, agus nach cuir diamhaireachd air bith dragh ort, innis dhomh sealladh mo bhruadair a chunnaic mi, eadhon a bhrìgh. 10 Mar seo bha aislingean mo chinn air mo leabaidh: Chunnaic mi, agus, feuch, craobh ann am meadhon na talmhainn, agus bha a h‑àirde mòr. 11 Dh’fhàs a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h‑àirde gu nèamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile: 12 Bha a duilleach maiseach, agus a toradh pailt, agus innte bha biadh airson nan uile: bha aig beathaichean na machrach sgàil foidhpe, agus ghabh eunlaith an adhair còmhnaidh na geugan, agus bheathaicheadh gach uile fheòil uaipe. 13 Chunnaic mi ann an aislingean mo chinn air mo leabaidh, agus, feuch, thàinig fear-faire, eadhon aon naomh a‑nuas o nèamh: 14 Ghlaodh e gu h‑àrd, agus thubhairt e mar seo, Geàrr sìos an crann, agus sgath dheth a gheugan, crath dheth a dhuilleach, agus sgap a thoradh; imicheadh na beathaichean o bhith fodha, agus an eunlaith o a gheugan. 15 Gidheadh, fàg bun a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann leis na beathaichean ann am feur na talmhainn. 16 Atharraichear a chridhe o bhith na chridhe duine, agus thugar dha cridhe ainmhidh; agus gabhadh seachd aimsirean thairis air. 17 Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine. 18 Am bruadar seo chunnaic mise Nebuchadnesar an rìgh: a‑nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach eil uile dhaoine glice mo rìoghachd comasach air fios a thoirt dhomh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan diathan naomha annad. 19 An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean. 20 An crann a chunnaic thu, a dh’fhàs, agus a bha làidir, a ràinig a àirde gu nèamh, agus a shealladh gus an talamh uile; 21 Aig an robh a dhuilleach maiseach, agus a thoradh pailt, agus anns an robh biadh do na h‑uile; fo an do ghabh beathaichean na machrach còmhnaidh, agus aig an robh air a gheugan àite-tàimh do eunlaith an adhair: 22 Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn. 23 Agus mar a chunnaic an rìgh fear-faire, agus aon naomh a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus ag ràdh, Geàrr an crann sìos, agus sgrios e; gidheadh fàg bonn a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann le beathaichean na machrach, gus an gabh seachd aimsirean thairis air: 24 Seo a’ bhrìgh, O rìgh, agus seo òrdagh an Tì as àirde, a tha air teachd air mo thighearna an rìgh: 25 Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis. 26 Agus mar a dh’àithn iad bun freumh a’ chroinn fhàgail, bidh do rìoghachd cinnteach dhut, an dèidh dhut fios a bhith agad gu bheil na nèamhan a’ riaghladh. 27 Uime sin, O rìgh, biodh mo chomhairle-sa taitneach leat, agus bris air falbh do pheacaidhean le fìreantachd, agus d’euceartan le tròcair a nochdadh do na bochdan, a dh’fheuchainn am buanaichear do shìochaint. 28 Thàinig seo uile air an rìgh Nebuchadnesar. 29 An ceann dà‑mhìos-deug bha e a’ spaisdearachd ann an lùchairt rìoghachd Bhàbiloin. 30 Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd? 31 Am feadh a bha am facal ann am beul an rìgh, thuit guth o nèamh, ag ràdh, O rìgh Nebuchadnesair, riutsa tha e air a labhairt, Tha an rìoghachd air dealachadh riut. 32 Agus fògraidh iad thu o dhaoine, agus bidh do chòmhnaidh le beathaichean na machrach: bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis. 33 Air an uair sin fhèin choileanadh an nì sin air Nebuchadnesar; agus bha e air fhògradh o dhaoine, agus dh’ith e feur mar dhaimh, agus bha a cholann fliuch le dealt nèimh, gus an d’fhàs a fhionnadh mar iteach na h‑iolaire, agus a iongannan mar spuirean eun. 34 Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn. 35 Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh? 36 Anns an àm sin fhèin thill mo thuigse thugam; agus a‑thaobh glòir mo rìoghachd, thill m’onair agus mo mhòrachd thugam; agus dh’iarr mo chomhairlichean agus mo thighearnan am ionnsaigh; agus bha mi air mo dhaingneachadh ann am rìoghachd, agus thugadh tuilleadh dhomh de mhòrachd òirdheirc. 37 A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh. |