Daniel 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Rinn Nebuchadnesar an rìgh ìomhaigh òir, a bha trì-fichead làmh-choille air àirde, agus sia làmhan-coille air leud: chuir e suas i ann am machair Dhura, ann am mòr-roinn Bhàbiloin. 2 An sin chuir Nebuchadnesar an rìgh fios a‑chum gun cruinnichte ri chèile na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, agus na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn, gu teachd a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas. 3 An sin bha na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn air an cruinneachadh ri chèile, a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas; agus sheas iad fa chomhair na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar suas. 4 An sin ghlaodh fear-èighich gu h‑àrd, Dhuibhse tha e air àithneadh, O shluaigh, fhineachan, agus a theangannan, 5 Ciod air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gun tuit sibh sìos, agus gun toir sibh adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas: 6 Agus cò air bith nach tuit sìos, agus nach dèan adhradh, tilgear e anns an uair sin fhèin ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich. 7 Uime sin anns an àm sin, nuair a chuala an sluagh uile fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus gach uile sheòrsa ciùil, thuit an sluagh uile, na fineachan, agus na teangannan, sìos, agus thug iad adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas. 8 Air an adhbhar sin, anns an àm sin thàinig Caldèanaich àraidh am fagas, agus rinn iad casaid air na h‑Iùdhaich. 9 Labhair iad, agus thubhairt iad ris an rìgh Nebuchadnesar, O rìgh, mair beò gu bràth. 10 Thug thusa, O rìgh, òrdagh gun dèanadh gach aon a chluinneadh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, sleuchdadh agus adhradh don ìomhaigh òir: 11 Agus cò air bith nach sleuchd agus nach dèan adhradh, gum biodh e air a thilgeadh ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich. 12 Tha Iùdhaich àraidh, a chuir thu os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego; cha tug na daoine seo, O rìgh, meas ortsa, chan eil iad a’ dèanamh seirbhis dod dhiathan no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir thu suas. 13 An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh. 14 Labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e riu, A bheil seo fìor, O Shadraich, a Mhesaich, agus Abed-nego, nach eil sibhse a’ toirt seirbhis dom dhiathan-sa, no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir mi suas? 15 A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa? 16 Fhreagair Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, agus thubhairt iad ris an rìgh, O Nebuchadnesair, chan eil suim againne freagradh a thoirt dhut anns a’ chùis seo. 17 Mas ann mar sin a bhios, tha ar Dia-ne, dom bheil sinn a’ toirt seirbhis, comasach air ar saoradh on àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus nì e ar saoradh as do làimh-sa, O rìgh. 18 Ach mura dèan, biodh fhios agad, O rìgh, nach toir sinn seirbhis dod dhiathan no adhradh don ìomhaigh òir a chuir thu suas. 19 An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh. 20 Agus dh’àithn e do na daoine a bu treasa na fheachd Sadrach, Mesach, agus Abed-nego a cheangal, agus a thilgeadh don àmhainn theinntich, dhian-loisgich. 21 An sin cheangladh na daoine seo nan còtaichean, nan triubhasan, agus nan ceann-aodaichean, agus nan aodaichean eile, agus thilgeadh iad ann am meadhon na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich. 22 Air an adhbhar sin, a chionn gu robh àithne an rìgh ro‑theann, agus an àmhainn ro‑theth, mharbh lasair an teine na daoine sin a thog suas Sadrach, Mesach, agus Abed-nego. 23 Agus thuit an triùir dhaoine seo, Sadrach, Mesach agus Abed-nego sìos ceangailte ann am buillsgean na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich. 24 An sin bha an rìgh Nebuchadnesar làn uamhainn, agus dh’èirich e suas ann an deifir, agus labhair e, agus thubhairt e ra chomhairlichean, Nach do thilg sinn triùir dhaoine ceangailte do mheadhon an teine? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris an rìgh, Is fìor, O rìgh. 25 Fhreagair esan agus thubhairt e, Feuch, chì mi ceathrar dhaoine fuasgailte, a’ coiseachd ann am meadhon an teine, agus chan eil dochann sam bith orra, agus tha coslas a’ cheathramh mar mhac Dhè. 26 An sin thàinig Nebuchadnesar dlùth do bheul na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus labhair e, ag ràdh, A Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, òglacha an Dè as àirde, thigibh a‑mach, agus thigibh an seo. An sin thàinig Sadrach, Mesach, agus Abed-nego a‑mach à meadhon an teine. 27 Agus chunnaic na prionnsachan, na h‑uachdarain, agus na cinn-fheadhna, agus comhairlichean an rìgh, a bha cruinn an ceann a chèile, na daoine seo, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an cuirp, cha mhò a bha fuiltean den ceann dàithte, no an còtaichean air an caochladh, no fàile an teine dhiubh. 28 An sin labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e, Guma beannaichte gu robh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, a chuir a‑nuas a aingeal, agus a shaor a òglaich a chuir an dòchas ann, agus a chuir an aghaidh facail an rìgh, agus a thug seachad an cuirp a‑chum nach tugadh iad seirbhis no adhradh do dhia air bith, ach an Dia fhèin. 29 Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo. 30 An sin dh’àrdaich an rìgh Sadrach, Mesach, agus Abed-nego ann am mòr-roinn Bhàbiloin. |