Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Daniel 11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus ann an ciad bhliadhna Dhariuis am Mèdeach, sheas mise gu a dhaingneachadh agus gu a neartachadh.

2 Agus a‑nis foillsichidh mi dhut an fhìrinn: Feuch, seasaidh suas fhathast trì rìghrean ann am Persia; agus bidh an ceathramh nas beartaiche gu mòr na iad uile: agus le a chumhachd, trìd a bheartais, dùisgidh e suas na h‑uile an aghaidh rìoghachd na Grèige.

3 Agus seasaidh rìgh cumhachdach suas a riaghlas le tighearnas mòr, agus a nì a rèir a thoile fhèin.

4 Agus nuair a sheasas e suas, brisear a rìoghachd, agus roinnear i ri ceithir gaothan nèimh; agus chan ann da shliochd, no a rèir a thighearnais, leis an do riaghail e: oir bidh a rìoghachd air a spìonadh a‑nìos, eadhon airson muinntir eile a bharrachd orra seo.

5 Agus bidh rìgh na h‑àird a deas làidir, ach bidh aon de na prionnsachan eadhon nas làidire na esan; agus bidh aige tighearnas nas mò na a thighearnas-san.

6 Agus an ceann bhliadhnachan ceanglaidh iad iad fhèin ri chèile; oir thig nighean rìgh na h‑àird a deas a‑chum rìgh na h‑àird a tuath a dhèanamh rèite eatorra: ach cha ghlèidh i cumhachd a ghàirdein, cha mhò a sheasas i fhèin no a sliochd: ach bheirear ise seachad, agus iadsan a thug leo i, agus esan a ghin i, agus esan a neartaich i anns na h‑aimsirean seo.

7 Ach a‑mach à meangan de a freumh seasaidh aon suas na inbhe, a thig le feachd, agus a thèid a‑steach gu daingneach rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e nan aghaidh, agus bheir e buaidh:

8 Agus bheir e fòs nam braighdean don Eiphit an diathan, maille rim prionnsachan, agus rin soithichean luachmhor airgid agus òir; agus buanaichidh e tuilleadh bhliadhnachan na rìgh na h‑àird a tuath.

9 Mar sin thig rìgh na h‑àird a deas da rìoghachd-san, agus tillidh e ga dhùthaich fhèin.

10 Ach bidh a mhic air an dùsgadh suas, agus cruinnichidh iad sluagh de fheachdan mòra; agus thig aon gu deimhinn, agus sgaoilidh e thairis, agus imichidh e troimhe: an sin tillidh e, agus dùisgear suas e, gu ruig a dhaingnich.

11 Agus lìonar rìgh na h‑àird a deas le feirg, agus thig e a‑mach, agus cogaidh e ris, eadhon ri rìgh na h‑àird a tuath: agus cuiridh e a‑mach sluagh mòr; ach bheirear am mòr-shluagh thairis da làimh-san.

12 Agus nuair a bheir e air falbh am mòr-shluagh, bidh a chridhe air a thogail suas, agus tilgidh e sìos deich mìltean; gidheadh cha neartaichear e.

13 Oir tillidh rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e sluagh mòr a‑mach, as mò na a’ chiad sluagh, agus thig e gu cinnteach (an dèidh bhliadhnachan àraidh) le feachd mòr, agus le pailteas saoibhreis.

14 Agus anns na h‑aimsirean sin seasaidh mòran suas an aghaidh rìgh na h‑àird a deas: mar an ceudna nì luchd-creachaidh mo shluaigh-sa iad fhèin àrdachadh a‑chum an sealladh a dhaingneachadh, ach tuitidh iad.

15 Mar sin thig rìgh na h‑àird a tuath, agus tilgidh e suas tòrr, agus glacaidh e na bailtean as làidire; agus cha seas gàirdeanan na h‑àird a deas na aghaidh, no a shluagh taghte, cha mhò a bhios neart air bith a chuireas na aghaidh.

16 Ach nì esan a thig na aghaidh a rèir a thoile fhèin, agus cha seas neach air bith roimhe: agus seasaidh e anns an tìr ghlòrmhoir, a bhios air a sgrios le a làimh.

17 Suidhichidh e fòs a aghaidh gu dol a‑steach le neart a rìoghachd uile, agus daoine ionraic maille ris: mar seo nì e; agus bheir e dha nighean nam ban ga truailleadh: ach cha seas i air a thaobh-san, cha mhò a bhios i air a shon.

18 Na dhèidh seo tionndaidhidh e a aghaidh ris na h‑eileanan, agus glacaidh e mòran: ach bheir prionnsa air a shon fhèin fa‑near gun sguir am masladh a thug e uaithe: gun mhasladh dha fhèin bheir e air tilleadh airsan.

19 An sin tionndaidhidh e a aghaidh ri daingneach a thìre fhèin: ach gheibh e tuisleadh agus leagadh, agus cha bhi e ri fhaotainn.

20 An sin seasaidh suas na àite aon a chuireas fear-togail chìsean thar an rìoghachd ghlòrmhor; ach an ceann beagan làithean sgriosar e, chan ann an corraich no an cath.

21 Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.

22 Agus gàirdeanan na tuile bàthar as an làthair, agus brisear iad: seadh, fòs prionnsa a’ choicheangail.

23 Agus an dèidh na rèite ris, buinidh e gu cealgach; agus thig e a‑nìos, agus fàsaidh e làidir le sluagh beag.

24 Thèid e a‑steach gu sìochail eadhon air na h‑ionadan as fheàrr den mhòr-roinn, agus nì e an nì nach do rinn a athraichean, no athraichean a athraichean; sgapaidh e nam measg a’ chreach, agus a chobhartach, agus an saoibhreas: agus dealbhaidh e innleachdan an aghaidh nan daingnichean làidir, eadhon rè seal.

25 Agus dùisgidh e suas a chumhachd agus a chruadal, an aghaidh rìgh na h‑àird a deas le feachd mòr; agus bidh rìgh na h‑àird a deas air a dhùsgadh suas gu cath, le feachd ro‑mhòr agus cumhachdach; ach cha seas e: oir dealbhaidh iad innleachdan na aghaidh.

26 Seadh, marbhaidh iadsan a dh’itheas cuibhreann de a bhiadh e, agus sgaoilidh a fheachd a‑mach mar thuil: agus tuitidh mòran sìos marbh.

27 Agus bidh cridheachan nan rìghrean seo araon air aimhleas a dhèanamh, agus labhraidh iad breugan air an aon bhòrd; ach cha soirbhich sin: oir fhathast bidh a’ chrìoch anns an àm a shònraicheadh.

28 An sin tillidh esan gu a dhùthaich le saoibhreas mòr; agus bidh a chridhe an aghaidh a’ choicheangail naoimh: agus an dèidh seo a dhèanamh, tillidh e gu a thìr fhèin.

29 Anns an àm a shònraicheadh tillidh e, agus thig e ris an àird a deas; ach cha bhi na nithean mu dheireadh mar na ciad nithean.

30 Oir thig longan Chitim na aghaidh: air an adhbhar sin bidh doilgheas air, agus tillidh e, agus bidh fearg air an aghaidh a’ choicheangail naoimh: mar sin nì e; eadhon tillidh e, agus cumaidh e bàidh riùsan a thrèigeas an coicheangal naomh.

31 Agus seasaidh làmhan air a thaobh, agus truaillidh iad naomh-ionad an neirt, agus bheir iad air falbh an ìobairt làitheil, agus suidhichidh iad a’ ghràinealachd a chuireas fàs.

32 Agus a’ mhuinntir a nì gu h‑olc an aghaidh a’ choicheangail truaillidh e le miodal: ach an sluagh aig a bheil eòlas air an Dia, bidh iadsan làidir, agus nì iad gu treun.

33 Agus iadsan aig a bheil tuigse am measg an t‑sluaigh, teagaisgidh iad mòran: gidheadh tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, agus leis an lasair, le bruid, agus le creich, rè mòran làithean.

34 A‑nis nuair a thuiteas iad, cuidichear iad le beagan cuideachaidh: ach leanaidh mòran riu le miodal.

35 Agus tuitidh cuid dhiubhsan aig a bheil tuigse, a‑chum an dearbhadh, agus an glanadh, agus an dèanamh geal, eadhon gu àm na crìche; a chionn gu bheil e fhathast airson àm a shònraicheadh.

36 Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.

37 Cha mhò a bhios suim aige do dhia a athraichean, no do thoil bhan, no suim do dhia air bith: oir meudaichidh e e fhèin os cionn nan uile.

38 Ach na àite bheir e onair don dia Mahusim: agus do Dhia nach b’aithne da athraichean bheir e onair le òr agus airgead, agus le clachan rìomhach, agus nithean taitneach.

39 Mar seo nì e: do luchd-coimhead Mhahusim, dia coimheach, a tha esan ag aideachadh, bheir e onair mhòr, agus bheir e orra riaghladh thar mòran; agus roinnidh e am fearann airson duaise.

40 Agus an àm na crìche nì rìgh na h‑àird a deas a phurradh, agus thig rìgh na h‑àird a tuath na aghaidh mar chuairt-ghaoith, le carbadan, agus le marcaichean, agus le mòran long; agus thèid e a‑steach do na dùthchannan, agus sgaoilidh e mar thuil, agus siùbhlaidh e thairis.

41 Thèid e fòs a‑steach don tìr ghlòrmhoir, agus bidh mòran dhùthchannan air an tilgeadh bun-os‑cionn; ach thèid iad seo as o làimh, Edom, agus Mòab, agus rogha chloinn Amoin.

42 Sìnidh e fòs a‑mach a làmh air na dùthchannan; agus cha tèid tìr na h‑Eiphit as.

43 Ach bidh cumhachd aige os cionn nan ionmhasan òir agus airgid, agus os cionn uile nithean rìomhach na h‑Eiphit, agus bidh na Libianaich agus na h‑Etiopaich air a lorg.

44 Ach nì sgeul on àird an ear agus on àird a tuath a bhuaireadh: air an adhbhar sin thèid e a‑mach le corraich mhòir gu sgrios, agus gu mòran a mhilleadh gu tur.

45 Agus suidhichidh e pàilleanan a lùchairtean eadar na cuantan, anns an t‑sliabh ghlòrmhor naomh; gidheadh thig e gu chrìch, agus cha chuidich neach air bith leis.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan