Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Daniel 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ann an treas bliadhna Chìruis rìgh Phersia, dh’fhoillsicheadh nì do Dhaniel (dom b’ainm Beltesasar), agus bha an nì fìor, agus mu thimcheall feachd mhòir; agus thuig e a’ chùis, agus bha e eòlach anns an t‑sealladh.

2 Anns na làithean sin bha mise Daniel ri bròn trì seachdainean iomlan.

3 Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh.

4 Agus air a’ cheathramh-là‑fichead den chiad mhìos, nuair a bha mi ri taobh na h‑aibhne mòire, Hidecel;

5 An sin thog mi suas mo shùilean, agus dh’amhairc mi, agus feuch, duine àraidh ann an aodach lìn, aig an robh a leasraidh crioslaichte le òr grinn Uphais:

6 Bha a chorp fòs cosmhail ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shùilean mar lòchrain theine, agus a ghàirdeanan agus a chasan cosmhail ann an dath ri umha lìomhte, agus fuaim a bhriathran cosmhail ri guth sluaigh mhòir.

7 Agus chunnaic mise Daniel a‑mhàin an sealladh: oir chan fhaca na daoine a bha maille rium an sealladh: ach thuit crith mhòr orra, ionnas gun do theich iad gu iad fhèin fhalach.

8 Air an adhbhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, agus chunnaic mi an sealladh mòr seo, agus cha d’fhan cumhachd air bith annam, oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, agus cha do mhair neart annam.

9 Gidheadh chuala mi fuaim a bhriathran: agus nuair a chuala mi fuaim a bhriathran, an sin bha mi ann an cadal trom air m’aghaidh, agus m’aghaidh ris an làr.

10 Agus, feuch, bhean làmh rium, a chuir mi air mo ghlùinean, agus air basan mo làmh:

11 Agus thubhairt e rium, O Dhanieil, a dhuine ro‑ionmhainn, tuig na briathran a tha mise a’ labhairt riut, agus èirich ann ad sheasamh: oir ad ionnsaigh-sa tha mi a‑nis air mo chur. Agus nuair a labhair e am facal seo rium, sheas mi air chrith.

12 An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran.

13 Ach sheas prionnsa rìoghachd Phersia ann am aghaidh là‑ar‑fhichead: ach feuch, thàinig Mìchael, aon de na h‑àrd phrionnsachan gum chòmhnadh; agus dh’fhan mi an sin le rìghrean Phersia.

14 A‑nis tha mi air teachd a thoirt ort a thuigsinn ciod a thachras dod shluagh anns na làithean deireannach: oir tha an sealladh fhathast rè mòran làithean.

15 Agus nuair a labhair e an leithid seo de bhriathran rium, chuir mi m’aghaidh ris an làr, agus bha mi ann am thosd.

16 Agus, feuch, bhean neach cosmhail ri samhladh mic dhaoine rim bhilean; an sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus labhair mi, agus thubhairt mi ris-san a sheas fam chomhair, O mo thighearna, leis an t‑sealladh, tha m’àmhghar air tilleadh orm, agus thrèig mo neart mi.

17 Oir cionnas a dh’fhaodas òglach an tì seo mo thighearna labhairt ris an tì seo mo thighearna? Oir air mo shon-sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, cha mhò a dh’fhàgadh anail annam.

18 An sin thàinig a‑rìs agus bhean rium neach cosmhail ri samhladh duine, agus neartaich e mi.

19 Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.

20 An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige.

21 Ach nochdaidh mi dhut an nì sin a tha comharraichte ann an sgriobtar na fìrinn: agus chan eil aon a chuireas leamsa anns na nithean seo ach Mìchael ur prionnsa-se.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan