Daniel 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Anns an treas bliadhna de linn Iehoiacim rìgh Iùdah, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin gu Ierusalem, agus chuartaich e le feachd e. 2 Agus thug an Tighearna Iehoiacim rìgh Iùdah da làimh, le cuid de shoithichean taigh Dhè, a thug e gu tìr Shìnair, gu taigh a dhè; seadh, thug e na soithichean gu taigh-tasgaidh a dhè. 3 Agus labhair an rìgh ri Aspenas, uachdaran a chaillteanach, gun tugadh e leis cuid de chloinn Israeil, agus de shliochd an rìgh, agus de na prionnsachan; 4 Clann air nach robh ciurram air bith, ach a bha maiseach, agus fòghlaimte anns a h‑uile gliocas, agus fiosrach ann an eòlas, agus seòlta air ealdhain, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an rìgh, agus dom faodadh iad fòghlam agus teanga nan Caldèanach a theagasg. 5 Agus dh’òrdaich an rìgh dhaibh lòn làitheil de bhiadh an rìgh, agus den fhìon a bha e ag òl: mar sin gan àrachadh trì bliadhna, a‑chum gun seasadh iad an ceann na h‑aimsir sin an làthair an rìgh. 6 A‑nis am measg na muinntir seo bha de chloinn Iùdah, Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah; 7 Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego. 8 Ach ghabh Daniel rùn na chridhe nach truailleadh e e fhèin leis a’ chuibhreann de bhiadh an rìgh, no leis an fhìon den d’òl e: uime sin ghuidh e air uachdaran nan caillteanach nach biodh e air a shalachadh. 9 A‑nis thug Dia do Dhaniel deagh-ghean agus coibhneas gràdhach o uachdaran nan caillteanach. 10 Agus thubhairt uachdaran nan caillteanach ri Daniel, Tha eagal orm ro mo thighearna an rìgh, a dh’òrdaich ur biadh agus ur deoch: oir ciod uime am faiceadh e ur n‑aghaidhean nas miosa coslas na a chlann eile de ur seòrsa? An sin cuiridh sibh mise ann an cunnart mo chinn on rìgh. 11 An sin thubhairt Daniel ri Melsar, a chuir uachdaran nan caillteanach os cionn Dhanieil, Hananiah, Mhisaeil agus Asariah, 12 Dearbh do sheirbhisich, guidheam ort, deich làithean, agus thugar dhuinn peasair ra h‑ithe, agus uisge ra òl. 13 An sin amhaircear air ar n‑aghaidhean ann ad làthair-sa, agus air aghaidh na cloinne a tha ag ithe de chuibhreann-bìdh an rìgh: agus mar a chìthear ceart dhut, buin rid sheirbhisich. 14 Is amhail a dh’aontaich e leo anns a’ chùis seo agus dhearbh e iad deich làithean. 15 Agus an ceann deich làithean bha dreach an aghaidhean na bu mhaisiche agus na bu shultmhoire na an uile chlann a dh’ith an cuibhreann de bhiadh an rìgh. 16 Mar seo thug Melsar air falbh cuibhreann am bìdh, agus am fìon a bu chòir dhaibh òl; agus thug e dhaibh peasair. 17 A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean. 18 A‑nis aig ceann nan làithean, anns an dubhairt an rìgh gun tugadh e a‑steach iad, an sin thug uachdaran nan caillteanach a‑steach iad an làthair Nebuchadnesair. 19 Agus rinn an rìgh còmhradh riu; agus nam measg uile cha d’fhuaireadh aon cosmhail ri Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah: air an adhbhar sin sheas iad fa chomhair an rìgh. 20 Agus anns na h‑uile ghnothaichean gliocais agus tuigse a dh’fhiosraich an rìgh dhiubh, fhuair e iad deich uairean na b’fheàrr na na h‑uile dhraoidhean agus speuradairean a bha na rìoghachd uile. 21 Agus mhair Daniel gu ciad bhliadhna rìgh Chìruis. |