Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt fir Ephraim ris, Ciod e an nì seo a rinn thu oirnn, nach do ghairm thu oirnn nuair a chaidh thu a chogadh an aghaidh nam Midianach? Agus throid iad ris gu geur.

2 Agus thubhairt e riu, Ciod a‑nis a rinn mise an coimeas ribhse? Nach fheàrr dìoghlam fìondhearcan Ephraim na fìonfhoghar Abieseir?

3 Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin.

4 Agus thàinig Gideon gu Iòrdan, agus chaidh e thairis, e fhèin agus an trì cheud fear a bha maille ris, sgìth, gidheadh air an tòir.

5 Agus thubhairt e ri fir Shucoit, Thugaibh, guidheam oirbh, buileannan arain don t‑sluagh a tha gam leantainn; oir tha iad sgìth, agus tha mi air tòir Shèba agus Shalmuna, rìghrean Mhidiain.

6 Agus thubhairt ceannardan Shucoit, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ann ad làimh, gun tugamaid aran dod armailt?

7 Agus thubhairt Gideon, Uime sin nuair a bheir an Tighearna Sèba agus Salmuna thairis dom làimh, an sin reubaidh mi ur feòil le sgitheach an fhàsaich, agus le drisean.

8 Agus chaidh e suas a sin gu Penuel, agus labhair e riùsan air a’ mhodh cheudna: agus fhreagair daoine Phenueil e, mar a fhreagair daoine Shucoit.

9 Agus labhair e cuideachd ri daoine Phenueil, ag ràdh, Nuair a thig mi a‑rìs ann an sìth, brisidh mi sìos an tùr seo.

10 A‑nis bha Sèba agus Salmuna ann an Carcor, agus an slòigh maille riu, mu thimcheall còig-mìle-deug fear, an t‑iomlan a dh’fhàgadh de shlòigh clann na h‑àird an ear uile: oir thuit ceud agus fichead mìle fear a tharraing claidheamh.

11 Agus chaidh Gideon suas air slighe na muinntir a tha nan còmhnaidh ann am bùthan, air an làimh an ear de Nobah, agus de Iogbehah, agus bhuail e an sluagh; oir bha an sluagh gun umhail.

12 Agus nuair a theich Sèba agus Salmuna, chaidh e air an tòir, agus ghlac e dà rìgh Mhidiain, Sèba agus Salmuna, agus chuir e geilt air an t‑sluagh uile.

13 Agus thill Gideon mac Iòais on chath ro èirigh na grèine.

14 Agus ghlac e òigfhear de dhaoine Shucoit, agus dh’fhiosraich e dheth: agus sgrìobh e dha ainmean ceannardan Shucoit, agus a sheanairean, trì-fichead agus seachd-fir-dheug.

15 Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh-sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth?

16 Agus ghlac e seanairean a’ bhaile, agus ghabh e sgitheach an fhàsaich agus drisean, agus leò seo reub e fir Shucoit.

17 Agus leag e sìos tùr Phenueil, agus mharbh e fir a’ bhaile.

18 An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh.

19 Agus thubhairt e, B’iad sin mo bhràithrean-sa, mic mo mhàthar: mar as beò an Tighearna, nan do ghlèidh sibh beò iadsan, cha mharbhainn-sa sibhse.

20 Agus thubhairt e ri Ieter a chiad-ghin, Eirich, marbh iad: ach cha do tharraing an t‑òganach a chlaidheamh; oir bha eagal air, a chionn gu robh e fhathast na òganach.

21 An sin thubhairt Sèba agus Salmuna, Eirich fhèin, agus buail oirnn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’èirich Gideon, agus mharbh e Sèba agus Salmuna, agus thug e leis na h‑usgraichean a bha air amhaichean an càmhal.

22 An sin thubhairt fir Israeil ri Gideon, Bi‑sa ad uachdaran oirnn, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic mar an ceudna: oir shaor thu sinn à làimh Mhidiain.

23 Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh.

24 Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas-fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas-fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad).

25 Agus fhreagair iad, Bheir sinne gu toileach dhut iad. Agus sgaoil iad aodach, agus thilg iad an sin, gach duine cluas-fhàinnean a chreiche.

26 Agus b’e cudthrom nan cluas-fhàinnean òir a dh’iarr e mìle agus seachd ceud secel òir, a thuilleadh air usgraichean, agus cluigeinean, agus aodach corcair a bha air rìghrean Mhidiain, agus a thuilleadh air na slabhraidhean a bha air amhaichean an càmhal.

27 Agus rinn Gideon èphod dheth, agus chuir e i na bhaile fhèin, eadhon ann an Ophrah; agus chaidh Israel uile an sin le strìopachas na dèidh; agus rinneadh sin na ribe do Ghideon agus da thaigh.

28 Mar seo chìosnaicheadh Midian ro chloinn Israeil, agus cha do thog iad an ceann tuilleadh: agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna ann an làithean Ghideoin.

29 Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin.

30 Agus bha aig Gideon deichnear agus trì-fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige.

31 Agus a choileabach a bha ann an Sechem, rug ise mar an ceudna mac dha, air an tug e Abimelech mar ainm.

32 Agus fhuair Gideon mac Iòais bàs ann an deagh sheann aois, agus dh’adhlaiceadh e ann an uaigh Iòais, a athair, ann an Ophrah nan Abiesrach.

33 Agus cho luath is a fhuair Gideon bàs, thill clann Israeil a‑rìs, agus chaidh iad le strìopachas an dèidh Bhàalim, agus rinn iad Bàal-berit na dhia dhaibh fhèin.

34 Agus cha do chuimhnich clann Israeil an Tighearna an Dia, a shaor iad à làimh an naimhdean uile air gach taobh:

35 Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan