Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin dh’èirich Ierubàal, eadhon Gideon, agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh ri tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, làimh ri sliabh Mhòreh, anns a’ ghleann.

2 Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh a tha maille riut tuilleadh is lìonmhor gu mise a thoirt nam Midianach nan làimh, air eagal gun dèanadh Israel uaill am aghaidh, ag ràdh, Shaor mo làmh fhèin mi.

3 Agus a‑nis uime sin gairm ann an cluasan an t‑sluaigh, ag ràdh, Ge bè neach air a bheil eagal agus geilt, tilleadh e, agus imicheadh e gu moch o shliabh Ghilead. Agus thill den t‑sluagh dà mhìle ar fhichead, agus dh’fhan deich mìle.

4 Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Tha an sluagh fhathast tuilleadh is lìonmhor; thoir sìos iad a dh’ionnsaigh an uisge, agus dearbhaidh mise dhut iad an sin: agus tàrlaidh, ge bè fear mun abair mise riut, Thèid am fear seo maille riut, gun tèid esan maille riut; agus ge bè fear mun abair mi riut, Cha tèid am fear seo maille riut, nach tèid esan ann.

5 Mar sin thug e sìos an sluagh a dh’ionnsaigh an uisge: agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Gach aon a dh’imlicheas an t‑uisge le a theangaidh, mar a dh’imlicheas cù, cuiridh tu esan air leth; mar an ceudna gach aon a chromas sìos air a ghlùinean a dh’òl.

6 Agus b’e àireamh na muinntir a dh’imlich, a’ cur an làimhe rim beul, trì cheud fear: ach chrom a’ chuid eile uile den t‑sluagh sìos air an glùinean a dh’òl uisge.

7 Agus thubhairt an Tighearna ri Gideon, Leis an trì cheud fear seo a dh’imlich, saoraidh mise sibh, agus bheir mi na Midianaich thairis dod làimh: agus rachadh am mòr-shluagh uile, gach duine da àite fhèin.

8 Agus ghabh an sluagh lòn nan làimh, agus an trompaidean: agus gach fear eile de Israel chuir e air falbh gach aon da bhùth, agus ghlèidh e an trì cheud fear seo. Agus bha sluagh Mhidiain fodha anns a’ ghleann.

9 Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh.

10 Ach ma tha eagal ort dol sìos, falbh-sa agus Phurah d’òglach sìos a dh’ionnsaigh an fheachd:

11 Agus cluinnidh tu ciod a their iad; agus na dhèidh sin neartaichear do làmhan, agus thèid thu sìos a dh’ionnsaigh an fheachd. An sin chaidh e sìos maille ri Phurah a òglach gu taobh a‑muigh nan daoine armaichte a bha anns an fheachd.

12 Agus bha na Midianaich, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear uile nan laighe anns a’ ghleann mar na lòcaist air lìonmhorachd; agus bha an càmhail gun àireamh, mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge air lìonmhorachd.

13 Agus nuair a thàinig Gideon, feuch, bha duine ag innse aislinge da chompanach, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling, agus, feuch, thàinig breacag de aran eòrna car air char a‑steach do champ Mhidiain, agus thàinig i gu bùth, agus bhuail i e, agus thuit e, agus thilg i bun-os‑cionn e, agus thuit am bùth sìos.

14 Agus fhreagair a chompanach, agus thubhairt e, Cha nì sam bith seo ach claidheamh Ghideoin mhic Iòais, duine de Israel: thug Dia thairis da làimh-san Midian, agus an sluagh uile.

15 Agus nuair a chuala Gideon aithris na h‑aislinge, agus a h‑eadar-mhìneachadh, rinn e adhradh; agus thill e gu feachd Israeil, agus thubhairt e, Eiribh, oir thug an Tighearna thairis dur làimh feachd Mhidiain.

16 Agus roinn e an trì cheud fear nan trì cuideachdan, agus chuir e trompaid ann an làimh gach aoin dhiubh, maille ri soithichean falamh, agus lòchrain anns na soithichean.

17 Agus thubhairt e riu, Amhaircibh ormsa, agus dèanaibh-se mar an ceudna: agus, feuch, nuair a thig mi gu taobh a‑muigh a’ champa, tàrlaidh, mar a nì mise, mar sin gun dèan sibhse.

18 Nuair a shèideas mise le trompaid, mi fhèin agus iadsan uile a tha maille rium, an sin sèidibh-se na trompaidean mar an ceudna mu thimcheall a’ champa uile, agus abraibh, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin.

19 Mar sin thàinig Gideon agus an ceud fear a bha maille ris gu taobh a‑mach a’ champa, ann an toiseach na faire meadhonaich; agus cha robh iad ach air ùr‑shuidheachadh na faire: agus shèid iad na trompaidean, agus bhris iad na soithichean a bha nan làimh.

20 Agus shèid na trì cuideachdan na trompaidean, agus bhris iad na soithichean, agus chùm iad na lòchrain nan làimh chlì, agus na trompaidean nan làimh dheis gu sèideadh leò: agus ghlaodh iad, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin.

21 Agus sheas iad, gach duine na àite fhèin, mu thimcheall a’ champa: agus bhriseadh am feachd uile, agus ghlaodh iad, agus theich iad.

22 Agus shèid an trì cheud na trompaidean, agus chuir an Tighearna claidheamh gach duine an aghaidh a chompanaich, eadhon air feadh an fheachd uile; agus theich an sluagh gu Betsitah ann an Sererat, agus gu crìch Abeil-meholah, làimh ri Tabat.

23 Agus chruinnicheadh fir Israeil ri chèile à Naphtali, agus à Aser, agus à Manaseh uile, agus chaidh iad air tòir nam Midianach.

24 Agus chuir Gideon teachdairean air feadh sliabh Ephraim uile, ag ràdh, Thigibh a‑nuas an aghaidh nam Midianach, agus glacaibh romhpa na h‑uisgeachan gu Bet-barah agus Iòrdan. An sin chruinnicheadh fir Ephraim uile ri chèile, agus ghlac iad na h‑uisgeachan gu Bet-barah agus Iòrdan.

25 Agus ghlac iad dà cheannard nam Midianach, Oreb agus Seeb; agus mharbh iad Oreb air carraig Oreib, agus Seeb mharbh iad aig amar-bruthaidh fìon Sheeib, agus chaidh iad air tòir Mhidiain, agus thug iad cinn Oreib agus Sheeib gu Gideon air an taobh eile de Iòrdan.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan