Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Mhidiain rè seachd bliadhna.

2 Agus bhuadhaich làmh Mhidiain an aghaidh Israeil: agus air sgàth nam Midianach rinn clann Israeil dhaibh fhèin na sluic a tha anns na beanntan, agus na h‑uamhan, agus na daingnichean làidir.

3 Agus thachair, nuair a chuir clann Israeil sìol, gun tàinig na Midianaich a‑nìos, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, thàinig eadhon iadsan a‑nìos nan aghaidh.

4 Agus champaich iad nan aghaidh, agus mhill iad toradh na talmhainn, gus an tig thu gu Gàsa: agus cha d’fhàg iad teachd-an‑tìr sam bith do Israel, aon chuid caora, no bò, no asal.

5 Oir thàinig iad a‑nìos len sprèidh, agus lem bùthan, agus thàinig iad mar na lòcaist air lìonmhorachd; oir bha an dà chuid iad fhèin agus an càmhail gun àireamh: agus chaidh iad a‑steach don tìr a‑chum a milleadh.

6 Agus thugadh Israel gu bochdainn ro‑mhòir leis na Midianaich; agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna.

7 Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna airson nam Midianach,

8 Chuir an Tighearna fàidh a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thug mi a‑nìos sibh on Eiphit, agus thug mi a‑mach sibh à taigh na daorsa;

9 Agus shaor mi sibh à làimh nan Eiphiteach, agus à làimh nan uile a rinn fòirneart oirbh, agus dh’fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh, agus thug mi dhuibh am fearann:

10 Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth.

11 Agus thàinig aingeal an Tighearna agus shuidh e fo dharaig a bha ann an Ophrah, a bhuin do Iòas an t‑Abiesrach: agus bha a mhac Gideon a’ bualadh arbhair ann an amar-bruthaidh an fhìona, ga fhalach o na Midianaich.

12 Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart.

13 Agus thubhairt Gideon ris, Och mo thighearna, ma tha an Tighearna maille rinn, carson a thàinig seo uile oirnn? Agus càit a bheil a mhìorbhailean uile a dh’innis ar n‑athraichean dhuinn, ag ràdh, Nach tug an Tighearna sinn a‑nìos on Eiphit? Ach a‑nis thrèig an Tighearna sinn, agus thug e thairis sinn do làimh nam Midianach.

14 Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu?

15 Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? Feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise as lugha ann an taigh m’athar.

16 Agus thubhairt an Tighearna ris, Gu cinnteach bidh mise maille riut, agus buailidh tu na Midianaich mar aon duine.

17 Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin nochd comharradh dhomh gur tusa a tha a’ labhairt rium.

18 Na falbh à seo, guidheam ort, gus an tig mi ad ionnsaigh, agus gun toir mi a‑mach mo thìodhlac, agus gun cuir mi ad làthair e. Agus thubhairt e, fanaidh mi gus an tig thu a‑rìs.

19 Agus chaidh Gideon a‑steach, agus dheasaich e meann de na gobhair, agus ephah fhlùir na bhreacagan neo-ghortaichte: an fheòil chuir e ann am basgaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e a‑mach iad da ionnsaigh fon daraig, agus chuir e na làthair iad.

20 Agus thubhairt aingeal Dhè ris, Gabh an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte, agus cuir iad air a’ charraig seo, agus taom a‑mach an sùgh. Agus rinn e mar sin.

21 An sin chuir aingeal an Tighearna a‑mach bàrr a’ bhata a bha na làimh, agus bhean e ris an fheòil, agus ris na breacagan neo-ghortaichte; agus dh’èirich teine suas as a’ charraig, agus loisg e an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte. An sin chaidh aingeal an Tighearna as a shealladh.

22 Agus nuair a thuig Gideon gum b’e aingeal an Tighearna a bha ann, thubhairt Gideon, Och, a Thighearna Dhè! a chionn gum faca mi aingeal an Tighearna aghaidh ri aghaidh.

23 Agus thubhairt an Tighearna ris, Sìth dhut; na biodh eagal ort: chan fhaigh thu bàs.

24 Agus thog Gideon altair an sin don Tighearna, agus thug e Iehòbhah-salom mar ainm oirre: gus an là‑an‑diugh tha i fhathast ann an Ophrah nan Abiesrach.

25 Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Gabh an tarbh òg aig d’athair, agus an dara tarbh a tha seachd bliadhna a dh’aois, agus tilg sìos altair Bhàail a tha aig d’athair, agus geàrr sìos an doire a tha làimh rithe;

26 Agus tog altair don Tighearna do Dhia air mullach na carraige seo, ann an òrdagh, agus gabh an dara tarbh, agus thoir suas ìobairt-loisgte le fiodh an doire a ghearras tu sìos.

27 An sin ghabh Gideon deichnear dhaoine de a sheirbhisich, agus rinn e mar a thubhairt an Tighearna ris: agus thàrladh, a chionn gu robh eagal teaghlach a athar air, agus daoine a’ bhaile, air chor is nach b’urrainn e a dhèanamh anns an là, gun do rinn e anns an oidhche e.

28 Agus nuair a dh’èirich daoine a’ bhaile gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha altair Bhàail air a tilgeadh sìos, agus bha an doire a bha làimh rithe air a ghearradh sìos, agus bha an dara tarbh air ìobradh air an altair a thogadh.

29 Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Cò a rinn an nì seo? Agus nuair a dh’fhiosraich agus a rannsaich iad, thubhairt iad, Is e Gideon mac Iòais a rinn an nì seo.

30 An sin thubhairt daoine a’ bhaile ri Iòas, Thoir a‑mach do mhac, a‑chum gum bàsaich e, a chionn gun do thilg e sìos altair Bhàail, agus gun do gheàrr e sìos an doire a bha làimh rithe.

31 Agus thubhairt Iòas riùsan uile a sheas na aghaidh, An tagair sibh airson Bhàail? An saor sibh e? Esan a thagras air a shon, cuirear gu bàs e, am feadh as i a’ mhadainn a tha fhathast ann: mas dia e, tagradh e air a shon fhèin, a chionn gun do thilgeadh sìos a altair.

32 Uime sin, air an là sin fhèin, thug e Ierubàal mar ainm air, ag ràdh, Tagradh Bàal na aghaidh, a chionn gun do thilg e sìos a altair.

33 An sin bha na Midianaich uile, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, air cruinneachadh ri chèile, agus chaidh iad a‑null, agus champaich iad ann an gleann Iesreeil.

34 Ach thàinig spiorad an Tighearna air Gideon, agus shèid e trompaid, agus ghairm e Abieser na dhèidh.

35 Agus chuir e teachdairean air feadh Mhanaseh uile, a chruinnicheadh mar an ceudna na dhèidh: agus chuir e teachdairean gu Aser, agus gu Sebulun, agus gu Naphtali; agus thàinig iad a‑nìos nan coinneamh.

36 Agus thubhairt Gideon ri Dia, Ma shaoras tu Israel lem làimh-sa, mar a thubhairt thu,

37 Feuch, cuiridh mi lomradh olla air an ùrlar-bhualaidh; agus ma bhios an drùchd air an lomradh a‑mhàin, agus tiormachd air an talamh uile, an sin bidh fios agam gun saor thu Israel lem làimh, mar a thubhairt thu.

38 Agus bha e mar sin: oir dh’èirich e gu moch air an là màireach, agus theannaich e an lomradh cuideachd, agus dh’fhàisg e an drùchd as an lomradh, làn cuaiche de uisge.

39 Agus thubhairt Gideon ri Dia, Na biodh do chorraich teth am aghaidh, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: leig dhomh dearbhadh, guidheam ort, an uair seo a‑mhàin leis an lomradh; biodh a‑nis tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile biodh drùchd.

40 Agus rinn Dia mar sin air an oidhche sin: agus bha tiormachd air an lomradh a‑mhàin, agus air an talamh uile bha drùchd.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan