Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna, nuair a bha Ehud marbh.

2 Agus reic an Tighearna iad do làimh Iabin rìgh Chanàain, a rìghich ann an Hasor; agus b’e ceannard a shluaigh Sisera, a bha a chòmhnaidh ann an Haroset nan cinneach.

3 Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna: oir bha naoi ceud carbad iarainn aige; agus rinn e ainneart air cloinn Israeil gu ro‑mhòr rè fichead bliadhna.

4 Agus thug Deborah, ban-fhàidh, bean Lapidoit, breith air Israel anns an àm sin.

5 Agus bha i a chòmhnaidh fo chraoibh-phailme Dheborah, eadar Ramah agus Betel, ann an sliabh Ephraim: agus chaidh clann Israeil suas da h‑ionnsaigh airson breitheanais.

6 Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;

7 Agus tàirngidh mise ad ionnsaigh gu sruth Chisoin, Sisera, ceannard armailtean Iabin, le a charbadan agus a mhòr-shluagh; agus bheir mi thairis e dod làimh?

8 Agus thubhairt Barac rithe, Ma thèid thusa leam, an sin thèid mi; ach mura tèid thu leam, cha tèid.

9 Agus thubhairt i, Gu cinnteach thèid mi leat: gidheadh cha bhi an turas a ghabhas tu a‑chum do chliù; oir do làimh mnà reicidh an Tighearna Sisera. Agus dh’èirich Deborah, agus chaidh i maille ri Barac gu Cedes.

10 Agus ghairm Barac Sebulun agus Naphtali gu Cedes; agus chaidh e suas da chois le deich mìle fear: agus chaidh Deborah suas maille ris.

11 A‑nis sgar Heber an Ceneach, a bha de chloinn Hobaib, athair-cèile Mhaois, e fhèin o na Cenich, agus shuidhich e a bhùth gu ruig còmhnard Shanaim, a tha làimh ri Cedes.

12 Agus dh’innis iad do Shisera gun deachaidh Barac mac Abinoaim suas gu sliabh Thaboir.

13 Agus chruinnich Sisera ri chèile a charbadan uile, eadhon naoi ceud carbad iarainn, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Hasoret nan cinneach, gu sruth Chisoin.

14 Agus thubhairt Deborah ri Barac, Eirich; oir is e seo an là anns an tug an Tighearna Sisera thairis dod làimh: nach eil an Tighearna air dol a‑mach romhad? Agus chaidh Barac sìos o shliabh Thaboir, agus deich mìle fear na dhèidh.

15 Agus sgrios an Tighearna Sisera, agus a charbadan uile, agus a shluagh uile, le faobhar a’ chlaidheimh ro Bharac: agus theirinn Sisera sìos o a charbad, agus theich e as da chois.

16 Ach lean Barac an dèidh nan carbad, agus an dèidh an t‑sluaigh, gu Haroset nan cinneach: agus thuit sluagh Shisera uile le faobhar a’ chlaidheimh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.

17 Gidheadh theich Sisera da chois gu bùth Iaeil, bean Hebeir an Ceneach; oir bha sìth eadar Iabin rìgh Hasoir agus taigh Hebeir an Ceneach.

18 Agus chaidh Iael a‑mach an coinneamh Shisera, agus thubhairt i ris, Tionndaidh a‑steach, mo thighearna, tionndaidh a‑steach am ionnsaigh-sa; na biodh eagal ort. Agus nuair a thionndaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh don bhùth, chòmhdaich i e le brat.

19 Agus thubhairt e rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ra òl, oir tha tart orm: agus dh’fhosgail i searrag bhainne, agus thug i deoch dha, agus chòmhdaich i e.

20 A‑rìs thubhairt e rithe, Seas ann an doras a’ bhùtha, agus ma thig duine agus gum feòraich e dhìot, agus gun abair e, A bheil duine sam bith an seo? An sin their thusa, Chan eil.

21 An sin ghabh Iael, bean Hebeir, tarrang den phàillean, agus ghlac i òrd na làimh, agus chaidh i gu sàmhach a‑steach da ionnsaigh, agus bhuail i an tarrang na lethcheann, agus shàth i anns an talamh i; (oir bha e trom na chadal agus sgìth;) agus fhuair e bàs.

22 Agus, feuch, nuair a bha Barac an tòir air Sisera, thàinig Iael a‑mach na choinneamh, agus thubhairt i ris, Thig, agus feuchaidh mise dhut am fear a tha thu ag iarraidh. Agus nuair a chaidh e a‑steach da bùth, feuch, bha Sisera na laighe marbh, agus an tarrang na lethcheann.

23 Mar sin cheannsaich Dia air an là sin Iabin rìgh Chanàain am fianais chloinn Israeil.

24 Agus shoirbhich le làimh chloinn Israeil, agus bha i trom air Iabin rìgh Chanàain, gus an do chuir iad as do Iabin rìgh Chanàain.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan