Britheamhan 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis mhionnaich fir Israeil ann am Mispeh, ag ràdh, Cha toir fear air bith againn nighean do Bheniàmin na mnaoi. 2 Agus thàinig an sluagh gu taigh Dhè, agus dh’fhan iad an sin gu feasgar am fianais Dhè, agus thog iad suas an guth, agus ghuil iad gu goirt; 3 Agus thubhairt iad, Carson, O Thighearna Dhè Israeil, a thàinig an nì seo gu crìch ann an Israel, gum biodh an‑diugh aon treubh a dh’easbhaidh air Israel? 4 Agus air an là màireach dh’èirich an sluagh gu moch, agus thog iad an sin altair, agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìthe. 5 Agus thubhairt clann Israeil, Cò am measg uile threubhan Israeil nach tàinig a‑nìos maille ris a’ choitheanal a dh’ionnsaigh an Tighearna? Oir rinn iad mionnan mòra ma thimcheall-san nach tigeadh a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh, ag ràdh, Cuirear gu cinnteach gu bàs e. 6 Agus ghabh clann Israeil aithreachas a‑thaobh Bheniàmin, am bràthair, agus thubhairt iad, Ghearradh air falbh an‑diugh aon treubh o Israel. 7 Cionnas a nì sinn airson bhan dhaibhsan a mhair, agus gun do mhionnaich sinn air an Tighearna, nach toir sinn dhaibh de ar nigheanan mar mhnathan? 8 Agus thubhairt iad, Cia an aon de threubhan Israeil nach tàinig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh? Agus, feuch, cha tàinig duine don champ o Iabes-ghilead a dh’ionnsaigh a’ choitheanail. 9 Oir dh’àirmheadh an sluagh agus, feuch, cha robh neach air bith an sin de luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead. 10 Agus chuir an coitheanal an sin dà‑mhìle-dheug fear dhiùbhsan a bu trèine, agus dh’àithn iad dhaibh, ag ràdh, Falbhaidh agus buailibh luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead le faobhar a’ chlaidheimh, maille ris na mnathan agus ris a’ chloinn. 11 Agus seo an nì a nì sibh, sgriosaidh sibh gu tur gach fireannach, agus gach bean a laigh le fireannach. 12 Agus fhuair iad am measg luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead ceithir cheud maighdeann òg, aig nach robh aithne air fear le laighe le fireannach sam bith: agus thug iad don champ iad gu Siloh, a tha ann an tìr Chanàain. 13 Agus chuir an coitheanal uile daoine uapa, agus labhair iad ri cloinn Bheniàmin a bha ann an carraig Rimoin, agus ghairm iad orra ann an sìth. 14 Agus thàinig Beniàmin a‑rìs anns an àm sin; agus thug iad dhaibh mnathan a ghlèidh iad beò de mhnathan Iabeis-ghilead: gidheadh cha d’fhuair iad na bu leòr mar sin. 15 Agus ghabh an sluagh aithreachas a‑thaobh Bheniàmin, a chionn gun do rinn an Tighearna briseadh ann an treubhan Israeil. 16 Agus thubhairt seanairean a’ choitheanail, Cionnas a nì sinn airson bhan dhaibhsan a mhair, oir sgriosadh na mnathan a‑mach à Beniàmin? 17 Agus thubhairt iad, Tha oighreachd ann air an son-san a chaidh as de Bheniàmin: agus cha sgriosar treubh à Israel. 18 Gidheadh, chan fhaod sinn mnathan a thoirt dhaibh de ar nigheanan fhèin; oir mhionnaich clann Israeil, ag ràdh, Mallaichte gu robh esan a bheir bean do Bheniàmin. 19 An sin thubhairt iad, Feuch, tha fèill an Tighearna ann an Siloh gach bliadhna, anns an àit a tha air an taobh mu thuath de Bhetel, air an taobh an ear den rathad mhòr a tha a’ dol suas o Bhetel gu Sechem, agus air an taobh mu dheas de Lebonah. 20 Uime sin dh’àithn iad do chloinn Bheniàmin, ag ràdh, Falbhaibh, agus dèanaibh feall-fhalach anns na fìon-liosan; 21 Agus seallaibh, agus, feuch, ma thig nigheanan Shiloh a‑mach a dhannsa ann an dannsan, an sin thigibh-se a‑mach as na fìonliosan, agus glacaibh gach fear dhibh a bhean de nigheanan Shiloh, agus rachaibh gu tìr Bheniàmin. 22 Agus tàrlaidh nuair a thig an athraichean no am bràithrean dar n‑ionnsaigh-ne a dhèanamh gearain, gun abair sinn riu, Bithibh bàidheil riu air ar son-ne, a chionn nach do ghlèidh sinn do gach fear a bhean anns a’ chogadh, oir cha tug sibhse dhaibh anns an àm seo, air chor is gum biodh sibh ciontach. 23 Agus rinn clann Bheniàmin mar sin, agus ghabh iad mnathan dhaibh fhèin a rèir an àireimh, dhiùbhsan a bha a’ dannsa, a ghlac iad; agus chaidh iad agus thill iad a dh’ionnsaigh an oighreachd, agus thog iad suas na bailtean, agus ghabh iad còmhnaidh annta. 24 Agus dh’imich clann Israeil as a sin anns an àm sin, gach duine a dh’ionnsaigh a thrèibhe, agus a dh’ionnsaigh a theaghlaich, agus chaidh iad a‑mach as a sin gach duine a dh’ionnsaigh a oighreachd fhèin. 25 Anns na làithean sin cha robh rìgh air bith ann an Israel: rinn gach duine an nì sin a bha ceart na shùilean fhèin. |