Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth.

2 Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd-àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?

3 Uime sin mar an ceudna thubhairt mi, Chan fhuadaich mi a‑mach iad romhaibh; ach bidh iad mar bhioran nur taobhan, agus bidh an diathan nan ribe dhuibh.

4 Agus nuair a labhair aingeal an Tighearna na briathran sin ri cloinn Israeil uile, thog an sluagh suas an guth, agus ghuil iad.

5 Agus ghairm iad ainm an àite sin Bochim: agus dh’ìobair iad an sin don Tighearna.

6 Agus nuair a leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, chaidh clann Israeil, gach duine da oighreachd, a ghabhail seilbh air an fhearann.

7 Agus rinn an sluagh seirbhis don Tighearna rè uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, a chunnaic uile obraichean mòra an Tighearna, a rinn e airson Israeil.

8 Agus fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.

9 Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat-heres, ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.

10 Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.

11 Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim.

12 Agus thrèig iad an Tighearna Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus lean iad diathan eile, de dhiathan an t‑sluaigh a bha mun cuairt orra, agus chrom iad iad fhèin sìos dhaibh, agus bhrosnaich iad an Tighearna gu corraich.

13 Agus thrèig iad an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàal agus do Astarot.

14 Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.

15 Ge bè taobh a chaidh iad a‑mach, bha làmh an Tighearna nan aghaidh a‑chum uilc, mar a thubhairt an Tighearna, agus mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh: agus bha iad ann an teinn ro‑mhòir.

16 Gidheadh thog an Tighearna suas britheamhan, a shaor iad à làimh na muinntir sin a chreach iad.

17 Gidheadh chan èisdeadh iad rim britheamhan, ach chaidh iad le strìopachas an dèidh dhiathan eile, agus chrom iad iad fhèin dhaibh: thill iad gu grad as an t‑slighe anns an d’imich an athraichean, a’ toirt gèill do àitheantan an Tighearna: cha do rinn iadsan mar sin.

18 Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad.

19 Agus nuair a bha am britheamh marbh, thill iad, agus thruaill iad iad fhèin nas mò na an athraichean, ann an leantainn dhiathan eile, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu cromadh sìos dhaibh; cha do sguir iad on gnìomharan fhèin, no on slighe eas-umhail.

20 Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil; agus thubhairt e, A chionn gun do bhris an sluagh seo mo choicheangal a dh’àithn mi dan athraichean, agus nach d’èisd iad rim ghuth,

21 Cha chuir mise mar an ceudna, à seo suas, duine sam bith a‑mach romhpa, de na cinnich a dh’fhàg Iosua nuair a fhuair e bàs;

22 A‑chum leòsan gun dearbh mi Israel, an glèidh iad slighe an Tighearna, a dh’imeachd innte, mar a ghlèidh an athraichean i, no nach glèidh.

23 Uime sin dh’fhàg an Tighearna na cinnich sin, gun am fuadachadh a‑mach gu grad; agus cha tug e thairis iad do làimh Iosua.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan