Britheamhan 19 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah. 2 Agus rinn a choileabach siùrsachd na aghaidh, agus dh’fhalbh i uaithe gu taigh a h‑athar gu Betlehem Iùdah, agus bha i an sin ceithir mìosan iomlan. 3 Agus dh’èirich a fear, agus chaidh e na dèidh, a‑chum gun labhradh e ra cridhe, agus gun tugadh e air a h‑ais i, agus a òganach maille ris, agus dà asal, agus thug i a‑steach e do thaigh a h‑athar; agus nuair a chunnaic athair na h‑ighinn e, chaidh e le gàirdeachas na choinneamh. 4 Agus ghlèidh a athair-cèile, athair na h‑ighinn e, agus dh’fhan e maille ris trì làithean: agus dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche an sin. 5 Agus air a’ cheathramh là, nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, dh’èirich esan suas gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn ra chliamhain, Neartaich do chridhe le greim arain, agus na dhèidh sin imichidh sibh. 6 Agus shuidh iad sìos le chèile, agus dh’ith iad cuideachd, agus dh’òl iad: oir thubhairt athair na h‑ighinn ris an duine, Bi toilichte, guidheam ort, agus fan rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach. 7 Agus nuair dh’èirich an duine suas gu imeachd, rinn a athair-cèile dian-earail air; uime sin dh’fhan e an sin an oidhche sin a‑rìs. 8 Agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn air a’ chòigeamh là gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn, Neartaich do chridhe, guidheam ort. Agus dh’fhan iad gu dèidh a’ mheadhon-là, agus dh’ith iad le chèile. 9 Agus nuair a dh’èirich an duine suas gu imeachd, e fhèin, agus a choileabach, agus a òganach, thubhairt a athair-cèile, athair na h‑ighinn ris, Feuch, a‑nis tha an là a’ tarraing gu feasgar; fanaibh, guidheam ort, rè na h‑oidhche: feuch, tha an là a’ dlùthachadh ra chrìch; fan an seo rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach; agus a‑màireach èiridh sibh gu moch a‑chum ur turais, agus thèid thu dhachaigh. 10 Ach cha b’àill leis an duine fantainn an oidhche sin, ach dh’èirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis (is e sin Ierusalem): agus bha maille ris dà asal len dìollaidean; bha mar an ceudna a choileabach maille ris. 11 Agus nuair a bha iad làimh ri Iebus, chaitheadh an là gu mòr; agus thubhairt an t‑òganach ra mhaighistir, Thig, guidheam ort, agus tionndaidheamaid a‑steach do bhaile seo nan Iebusach, agus fanamaid rè na h‑oidhche ann. 12 Agus thubhairt a mhaighistir ris, Cha tionndaidh sinn a‑steach an seo gu baile coigrich, nach eil de chloinn Israeil, ach gabhaidh sinn thairis gu Gibeah. 13 Agus thubhairt e ra òganach, Thig, agus tàirngeamaid am fagas do aon de na h‑àitean sin gu fantainn rè na h‑oidhche, ann an Gibeah, no ann an Ramah. 14 Agus ghabh iad thairis, agus dh’imich iad; agus chaidh a’ ghrian sìos orra làimh ri Gibeah, a bhuineas do Bheniàmin. 15 Agus thionndaidh iad a lethtaobh an sin, gu dol a‑steach a dh’fhantainn rè na h‑oidhche ann an Gibeah: agus nuair a chaidh e a‑steach, shuidh e sìos ann an sràid a’ bhaile; oir cha robh duine sam bith a ghabh iad da thaigh gu fantainn rè na h‑oidhche. 16 Agus, feuch, thàinig seann duine o a obair a‑mach as an fhearann mu fheasgar, a bha mar an ceudna o shliabh Ephraim, agus bha e air chuairt ann an Gibeah; ach bu Bheniàminich daoine an àite. 17 Agus nuair a thog e suas a shùilean, chunnaic e duine a bha air thuras ann an sràid a’ bhaile: agus thubhairt an seann duine, Càit a bheil thu a’ dol? Agus cia as a tha thu air teachd? 18 Agus thubhairt e ris, Tha sinn a’gabhail thairis o Bhetlehem Iùdah a dh’ionnsaigh taobh sliabh Ephraim, as a bheil mise: agus chaidh mi do Bhetlehem Iùdah, ach tha mi a‑nis a’ dol gu taigh an Tighearna, agus chan eil duine air bith ann a ghabhas mi da thaigh. 19 Gidheadh, tha an dà chuid fodar agus innlinn ann airson ar n‑asal, agus tha mar an ceudna aran agus fìon ann air mo shon-sa, agus airson do bhanoglaich, agus airson an òganaich a tha maille rid sheirbhisich: chan eil easbhaidh nì air bith oirnn. 20 Agus thubhairt an seann duine, Sìth gu robh maille riut: gidheadh, biodh d’easbhaidh gu lèir ormsa; a‑mhàin na fan anns an t‑sràid rè na h‑oidhche. 21 Agus thug e a‑steach e da thaigh, agus thug e innlinn do na h‑asail: agus nigh iad an casan, agus dh’ith agus dh’òl iad. 22 Ach nuair a bha iad a’ dèanamh an cridhe subhach, feuch, chuartaich daoine a’ bhaile, daoine a bu mhic do Bhelial, an taigh mun cuairt, agus bhuail iad aig an doras, agus labhair iad ri maighistir an taighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a‑mach an duine a thàinig a dh’ionnsaigh do thaighe, a‑chum gun aithnich sinn e. 23 Agus chaidh an duine, maighistir an taighe, a‑mach dan ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Na dèanaibh, mo bhràithrean, na dèanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an dèidh don duine seo teachd a dh’ionnsaigh mo thaighe-sa, na dèanaibh an nì gràineil seo. 24 Feuch, mo nighean, maighdeann, agus a choileabach, iadsan bheir mi a‑mach a‑nis, agus ìslichibh-se iad, agus dèanaibh riu an nì sin a tha nur sùilean: ach air an duine seo na dèanaibh nì cho gràineil. 25 Ach chan èisdeadh na daoine ris: agus rug an duine air a choileabach, agus thug e a‑mach i dan ionnsaigh; agus dh’aithnich iad i, agus mhì-ghnàthaich iad i rè na h‑oidhche gu madainn: agus aig briseadh na fàire leig iad air falbh i. 26 Agus thàinig a’ bhean ann an sgarthanaich an là, agus thuit i sìos aig doras taigh an duine, far an robh a tighearna, gus an robh solas ann. 27 Agus dh’èirich a tighearna anns a’ mhadainn, agus dh’fhosgail e doras an taighe, agus chaidh e a‑mach gu imeachd air a shlighe: agus, feuch, bha a’ bhean, a choileabach, air tuiteam sìos aig doras an taighe, agus a làmhan air an stairsnich. 28 Agus thubhairt e rithe, Eirich, agus imicheamaid; ach cha tug i freagradh air bith. Agus ghabh e i air asail, agus dh’èirich an duine suas, agus chaidh e da àite fhèin. 29 Agus nuair a thàinig e da thaigh, ghabh e sgian, agus rug e air a choileabach, agus roinn e i, maille ra cnàmhan, na dà‑mhìr-dheug, agus chuir e i gu uile chrìochan Israeil. 30 Agus thubhairt gach neach a chunnaic e, Cha do rinneadh agus chan fhacas nì air bith cosmhail ri seo, on là anns an tàinig clann Israeil a‑nìos à tìr na h‑Eiphit gus an là an‑diugh: beachdaichibh air, gabhaibh comhairle, agus labhraibh. |