Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna; agus thug an Tighearna thairis iad do làimh nam Philisteach dà‑fhichead bliadhna.

2 Agus bha duine àraidh de Shorah, de theaghlach nan Danach, dom b’ainm Manòah; agus bha a bhean neo-thorrach, agus cha do rug i clann.

3 Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin don mhnaoi, agus thubhairt e rithe, Feuch a‑nis, tha thu aimrid, agus cha do rug thu fhathast clann: ach fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac.

4 A‑nis, matà, thoir an aire, guidheam ort, agus na òl fìon no deoch làidir, agus na ith nì air bith neòghlan:

5 Oir, feuch, fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac; agus cha tig ealtainn sam bith air a cheann: oir bidh an leanabh na Nàsarach do Dhia on bhroinn; agus tòisichidh e air Israel a shaoradh à làimh nam Philisteach.

6 Agus thàinig a’ bhean agus dh’innis i da fear, ag ràdh, Thàinig òglach Dhè am ionnsaigh, agus a ghnùis mar ghnùis aingeal Dhè, ro‑uamhasach: ach cha d’fheòraich mi dheth cia as a bha e, agus cha d’innis e dhomh a ainm.

7 Ach thubhairt e rium, Feuch, fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac; agus a‑nis na òl fìon no deoch làidir, agus na ith nì air bith neòghlan: oir bidh an leanabh na Nàsarach do Dhia on bhroinn gu là a bhàis.

8 An sin ghuidh Manòah air an Tighearna, agus thubhairt e, O mo Thighearna, thigeadh, guidheam ort, òglach Dhè, a chuir thu uat, a‑rìs dar n‑ionnsaigh, agus teagaisgeadh e dhuinn ciod a nì sinn ris an leanabh a bheirear.

9 Agus dh’èisd Dia ri guth Mhanòah; agus thàinig aingeal Dhè a‑rìs a dh’ionnsaigh na mnà, agus i na suidhe anns an achadh: ach cha robh Manòah a fear maille rithe.

10 Agus rinn a’ bhean cabhag, agus ruith i, agus dh’innis i da fear, agus thubhairt i ris, Feuch, chunnaic mi an duine a thàinig am ionnsaigh air an là roimhe.

11 Agus dh’èirich Manòah, agus chaidh e an dèidh a mhnà, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an duine, agus thubhairt e ris, An tusa an duine a labhair ris a’ mhnaoi? Agus thubhairt esan, Is mi.

12 Agus thubhairt Manòah, A‑nis thigeadh do bhriathran gu crìch: cionnas a dh’òrdaicheas sinn mun leanabh, agus ciod a nì sinn ris?

13 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Manòah, O gach nì a thubhairt mise ris a’ mhnaoi coimheadadh i i fhèin.

14 De nì sam bith a thig on chrann-fhìona na itheadh i, agus fìon no deoch làidir na òladh i, agus nì sam bith neòghlan na itheadh i: gach nì a dh’àithn mise dhi, coimheadadh i.

15 Agus thubhairt Manòah ri aingeal an Tighearna, Leig dhuinn, guidheamaid ort, do ghleidheadh, agus deasaichidh sinn fad chomhair meann de na gobhair.

16 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Manòah, Ged ghlèidh thu mi, chan ith mi ded aran; agus ma bheir thu suas ìobairt-loisgte, don Tighearna bheir thu suas i; oir cha robh fhios aig Manòah gum b’e aingeal an Tighearna e.

17 Agus thubhairt Manòah ri aingeal an Tighearna, Ciod as ainm dhut; a‑chum, nuair a thig do bhriathran gu crìch, gun toir sinn urram dhut?

18 Agus thubhairt aingeal an Tighearna ris, Carson a tha thu mar seo a’ fiosrachadh a‑thaobh m’ainme-sa, agus gu bheil e diamhair?

19 Agus ghabh Manòah meann de na gobhair, maille ri tabhartas-bìdh, agus dh’ìobair e e air carraig don Tighearna: agus b’iongantach an nì a rinn an t‑aingeal, agus Manòah agus a bhean ag amharc air:

20 Oir nuair a dh’èirich an lasair bhàrr na h‑altarach suas gu nèamh, chaidh aingeal an Tighearna suas ann an lasair na h‑altarach; agus nuair a chunnaic Manòah agus a bhean sin, thuit iad air an aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn.

21 (Ach cha d’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin tuilleadh do Mhanòah agus da mhnaoi.) An sin bha fhios aig Manòah gum b’e aingeal an Tighearna e.

22 Agus thubhairt Manòah ra mhnaoi, Gu cinnteach gheibh sinn bàs, oir chunnaic sinn Dia.

23 Ach thubhairt a bhean ris, Nam bu toil leis an Tighearna ar marbhadh, cha ghabhadh e o ar làimh ìobairt-loisgte agus tabhartas-bìdh, agus cha nochdadh e dhuinn na nithean seo uile, agus mar air an àm seo, cha chuireadh e an cèill dhuinn a leithid seo de nithean.

24 Agus rug a’ bhean leanabh, agus thug i Samson mar ainm air: agus dh’fhàs an leanabh, agus bheannaich an Tighearna e.

25 Agus thòisich spiorad an Tighearna ra bhrosnachadh air uairean ann an camp Dhain, eadar Sorah agus Estaol.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan