Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chruinnicheadh fir Ephraim an ceann a chèile, agus chaidh iad thairis mu thuath, agus thubhairt iad ri Iephtah, Carson a chaidh thu thairis a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus nach do ghairm thu oirnne gu dol maille riut? Loisgidh sinn do thaigh ort le teine.

2 Agus thubhairt Iephtah riu, Bha agamsa agus aig mo shluagh còmhstri mhòr ri cloinn Amoin; agus nuair a ghairm mi oirbh, cha do shaor sibh mi as an làimh.

3 Agus nuair a chunnaic mi nach do shaor sibh mi, chuir mi m’anam am làimh, agus chaidh mi a‑null an aghaidh chloinn Amoin, agus thug an Tighearna thairis iad dom làimh: carson, matà, a tha sibh air teachd a‑nìos am ionnsaigh-sa an‑diugh, a chogadh am aghaidh?

4 An sin chruinnich Iephtah cuideachd fir Ghilead uile, agus chog e ri Ephraim: agus bhuail fir Ghilead Ephraim, a chionn gun dubhairt iad, Is luchd-fuadain de Ephraim sibhse, a Ghileadacha, am measg Ephraim agus am measg Mhanaseh.

5 Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh;

6 An sin thubhairt iadsan ris, Abair a‑nis Schibolet; agus thubhairt esan Sibolet: oir cha b’urrainn e a ràdh gu ceart. An sin ghabh iad e, agus mharbh iad e aig àthan Iòrdain; agus thuit anns an àm sin de na h‑Ephraimich a dhà agus dà‑fhichead mìle.

7 Agus thug Iephtah breith air Israel sia bliadhna. An sin fhuair Iephtah an Gileadach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an aon de bhailtean Ghilead.

8 Agus na dhèidh-san thug Ibsan o Bhetlehem breith air Israel.

9 Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, agus deich-ar‑fhichead nighean, a chuir e a‑mach uaithe, agus ghabh e deich-ar‑fhichead nighean a‑steach da ionnsaigh airson a mhac. Agus thug e breith air Israel seachd bliadhna.

10 Agus fhuair Ibsan bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Betlehem.

11 Agus na dhèidh-san thug Elon, an Sebulonach, breith air Israel: agus thug e breith air Israel deich bliadhna.

12 Agus fhuair Elon an Sebulonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Aialon, ann an tìr Shebuloin.

13 Agus na dhèidh-san thug Abdon mac Hileil, Piratonach, breith air Israel.

14 Agus bha dà‑fhichead mac aige, agus deich-ar‑fhichead mac a mhac, a mharcaich air deich agus trì-fichead asal òg: agus thug e breith air Israel ochd bliadhna.

15 Agus fhuair Abdon mac Hileil am Piratonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann am Piraton, ann an tìr Ephraim, ann an sliabh nan Amaleceach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan