Britheamhan 11 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis bha Iephtah an Gileadach treun ann an neart, agus bu mhac strìopaich e: agus ghin Gilead Iephtah. 2 Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a‑mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Chan fhaigh thu oighreachd ann an taigh ar n‑athar-ne, oir is mac mnà coimhich thu. 3 An sin theich Iephtah o a bhràithrean, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Thoib: agus chruinnicheadh daoine faoine gu Iephtah, agus chaidh iad a‑mach maille ris. 4 Agus an ceann làithean àraidh, chog clann Amoin ri Israel. 5 Agus nuair a chog clann Amoin ri Israel, chaidh seanairean Ghilead a thoirt Iephtah à tìr Thoib: 6 Agus thubhairt iad ri Iephtah, Thig agus bi ad cheannard oirnn, agus cogaidh sinn an aghaidh chloinn Amoin. 7 Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a‑mach mi à taigh m’athar? Agus carson a thàinig sibh am ionnsaigh a‑nis, nuair a tha sibh ann an teanntachd? 8 Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Uime sin thill sinn a‑nis ad ionnsaigh, a‑chum gun tèid thu maille rinn, agus gun cog thu an aghaidh chloinn Amoin, agus gum bi thu ad cheann oirnn, eadhon air uile luchd-àiteachaidh Ghilead. 9 Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Ma bheir sibh air m’ais mi a chogadh an aghaidh chloinn Amoin, agus gun toir an Tighearna thairis iad am fhianais, am bi mise am cheann oirbh? 10 Agus thubhairt seanairean Ghilead ri Iephtah, Biodh an Tighearna na fhianais eadarainn, gun dèan sinne mar sin, a rèir d’fhacail. 11 Agus chaidh Iephtah maille ri seanairean Ghilead, agus rinn an sluagh e na cheann orra, agus na cheannard. Agus labhair Iephtah a bhriathran uile an làthair an Tighearna ann am Mispeh. 12 Agus chuir Iephtah teachdairean a dh’ionnsaigh rìgh chloinn Amoin, ag ràdh, Ciod e do ghnothach-sa riumsa, gun tàinig thu am aghaidh a chogadh ann am thìr? 13 Agus thubhairt rìgh chloinn Amoin ri teachdairean Iephtah, A chionn gun do ghlac Israel m’fhearann nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit, o Arnon gu ruig Iaboc, agus gu ruig Iòrdan: a‑nis uime sin thoir thusa air ais e ann an sìth. 14 Agus chuir Iephtah a‑rìs teachdairean a dh’ionnsaigh rìgh chloinn Amoin; 15 Agus thubhairt e ris, Mar seo tha Iephtah ag ràdh, Cha do ghlac Israel fearann Mhòaib, no fearann chloinn Amoin: 16 Ach nuair a thàinig Israel a‑nìos as an Eiphit, agus a ghluais iad tron fhàsach gu ruig a’ mhuir ruadh, agus a thàinig iad gu Cadeis; 17 An sin chuir Israel teachdairean gu rìgh Edoim, ag ràdh, Leig dhuinn, guidheamaid ort, dol tro d’fhearann: ach chan èisdeadh rìgh Edoim agus mar an ceudna chuir iad teachdairean gu rìgh Mhòaib: ach cha d’aontaich e: agus dh’fhan Israel ann an Cadeis. 18 An sin ghluais iad tron fhàsach, agus chuartaich iad tìr Edoim, agus tìr Mhòaib, agus thàinig iad o thaobh na h‑àird an ear de thìr Mhòaib, agus champaich iad air an taobh eile de Arnon, ach cha tàinig iad an taobh a‑staigh de chrìch Mhòaib; oir b’e Arnon crìoch Mhòaib. 19 Agus chuir Israel teachdairean gu Sihon rìgh nan Amorach, rìgh Hesboin; agus thubhairt Israel ris, Leig dhuinn, guidheamaid ort, gabhail tro d’fhearann dar n‑àite fhèin. 20 Ach cha d’earb Sihon ri Israel gabhail tro a chrìch: ach chruinnich Sihon a shluagh uile cuideachd, agus champaich iad ann an Iahas; agus chog e ri Israel. 21 Agus thug an Tighearna, Dia Israeil, Sihon agus a shluagh uile thairis do làimh Israeil, agus bhuail iad iad: agus shealbhaich Israel uile fhearann nan Amorach, luchd-àiteachaidh na tìre sin. 22 Agus shealbhaich iad uile chrìochan nan Amorach, o Arnon gu ruig Iaboc, agus on fhàsach gu ruig Iòrdan. 23 Agus a‑nis thilg an Tighearna Dia Israeil a‑mach na h‑Amoraich à fianais a shluaigh Israel, agus am bu chòir dhuitsa dol nan seilbh-san? 24 An nì sin a bheir do dhia Chemos dhut ra shealbhachadh, nach sealbhaich thusa e? Agus ge bè neach a thilg an Tighearna ar Dia-ne a‑mach romhainn, na sheilbh-san thèid sinne. 25 Agus a‑nis a bheil thusa nas fheàrr na Balac, mac Shipoir, rìgh Mhòaib? An do rinn esan riamh strì ri Israel, agus an do chog e riamh nan aghaidh, 26 Nuair a ghabh Israel còmhnaidh ann an Hesbon agus na bhailtean, agus ann an Aroer agus na bhailtean, agus anns na bailtean uile a tha làimh ri Arnon, rè trì cheud bliadhna? Agus carson nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin? 27 Uime sin cha do pheacaich mise ad aghaidh, ach tha thusa a’ dèanamh eucoir ormsa le cogadh am aghaidh: thugadh an Tighearna, am Britheamh, breith an‑diugh eadar clann Israeil agus clann Amoin. 28 Gidheadh cha d’èisd rìgh chloinn Amoin ri briathran Iephtah, a chuir e da ionnsaigh. 29 Agus thàinig spiorad an Tighearna air Iephtah; agus chaidh e thairis gu Gilead agus Manaseh, agus o sin chaidh e thairis gu Mispeh Ghilead, agus o Mhispeh Ghilead chaidh e thairis gu cloinn Amoin. 30 Agus bhòidich Iephtah bòid don Tighearna, agus thubhairt e, Ma bheir thu gu cinnteach clann Amoin thairis dom làimh, 31 An sin tàrlaidh, ge bè nì a thig a‑mach à dorsan mo thaighe am choinneamh, nuair a thilleas mi ann an sìth o chloinn Amoin, gu cinnteach gur leis an Tighearna e, agus ìobraidh mi e dha na ìobairt-loisgte. 32 Agus chaidh Iephtah thairis gu cloinn Amoin a chogadh nan aghaidh; agus thug an Tighearna thairis iad da làimh. 33 Agus bhuail e iad o Aroer, eadhon gus an tig thu gu Minit, fichead baile, agus gu còmhnard nam fìonlios, le àr ro‑mhòr. Mar seo dh’irioslaicheadh clann Amoin am fianais chloinn Israeil. 34 Agus thàinig Iephtah gu Mispeh da thaigh, agus, feuch, thàinig a nighean a‑mach na choinneamh le tiompanan agus le dannsan, agus b’i a aon leanabh-cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i. 35 Agus nuair a chunnaic e i, reub e a aodach, agus thubhairt e, Och, mo nighean! Is ro‑ìosal a leag thu mi, agus is aon thu dhiùbhsan a tha gam chlaoidh: oir dh’fhosgail mi mo bheul don Tighearna, agus chan fhaod mi dol air m’ais. 36 Agus thubhairt ise ris, Athair, ma dh’fhosgail thu do bheul don Tighearna, dèan riumsa a rèir an nì a thàinig a‑mach as do bheul, o rinn an Tighearna dìoghaltas air do shon-sa air do naimhdean, eadhon air cloinn Amoin. 37 Agus thubhairt i ra h‑athair, Dèanar an nì seo air mo shon-sa: Leigear leam dà mhìos a‑chum gun imich mi suas agus sìos air na beanntan, agus gun dèan mi caoidh airson m’òigheachd, mi fhèin agus mo bhana-chompanaich. 38 Agus thubhairt e, Imich. Agus leig e air falbh i rè dà mhìos: agus chaidh i maille ra ban-chompanaich, agus rinn i caoidh airson a h‑òigheachd air na beanntan. 39 Agus ann an ceann dà mhìos, thill i a dh’ionnsaigh a h‑athar, agus rinn e rithe a rèir a bhòide a bhòidich e: agus cha robh aithne aice air fear. Agus bha e na ghnàth ann an Israel, 40 Gun rachadh nigheanan Israeil o bhliadhna gu bliadhna a dhèanamh caoidh airson nighean Iephtah, an Gileadach, ceithir làithean anns a’ bhliadhna. |