Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus dh’èirich an dèidh Abimeleich, a shaoradh Israeil, Tola mac Phuah mhic Dhodo, duine de Isachar; agus bha e a chòmhnaidh ann an Samir ann an sliabh Ephraim.

2 Agus thug e breith air Israel trì-bliadhna-fichead: agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samir.

3 Agus na dhèidh-san dh’èirich Iair, Gileadach, agus thug e breith air Israel dà bhliadhna ar fhichead.

4 Agus bha deich-ar‑fhichead mac aige, a mharcaich air deich-ar‑fhichead asal òg; agus bha deich-ar‑fhichead baile aca, air an tugadh Habhot-iair mar ainm gu ruig an là‑an‑diugh, a tha ann an tìr Ghilead.

5 Agus fhuair Iair bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Camon.

6 Agus rinn clann Israeil a‑rìs olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot, agus do dhiathan Shiria, agus do dhiathan Shìdoin, agus do dhiathan Mhòaib, agus do dhiathan chloinn Amoin, agus do dhiathan nam Philisteach; agus thrèig iad an Tighearna, agus cha do rinn iad seirbhis dha.

7 Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh nam Philisteach, agus do làimh chloinn Amoin.

8 Agus chlaoidh agus rinn iad fòirneart air cloinn Israeil anns an àm sin rè ochd-bliadhna-deug, air cloinn Israeil uile a bha air an taobh eile de Iòrdan, ann an tìr nan Amorach, a tha ann an Gilead.

9 Agus chaidh clann Amoin thar Iòrdan a chogadh mar an ceudna an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh Bheniàmin, agus an aghaidh taigh Ephraim; agus bha Israel ann an teanntachd ro‑mhòir.

10 Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, ag ràdh, Pheacaich sinn ad aghaidh, an dà chuid a chionn gun do thrèig sinn ar Dia, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim.

11 Agus thubhairt an Tighearna ri cloinn Israeil, Nach do shaor mise sibh o na h‑Eiphitich, agus o na h‑Amoraich, o chloinn Amoin, agus o na Philistich?

12 Rinn mar an ceudna na Sìdonaich, agus na h‑Amalecich, agus na Maonaich fòirneart oirbh, agus ghlaodh sibh riumsa, agus shaor mi sibh as an làimh.

13 Gidheadh thrèig sibh mi, agus rinn sibh seirbhis do dhiathan eile: uime sin cha saor mi sibh nas mò.

14 Rachaibh agus gairmibh air na diathan a roghnaich sibh: saoradh iad sibh ann an àm ur teanntachd.

15 Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan-sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh.

16 Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.

17 An sin ghairmeadh clann Amoin cuideachd, agus champaich iad ann an Gilead: agus chruinnich clann Israeil iad fhèin an ceann a chèile, agus champaich iad ann am Mispeh.

18 Agus thubhairt an co‑chruinneachadh, uachdarain Ghilead, gach aon ri chèile, Cia am fear sin a thòisicheas ri cogadh an aghaidh chloinn Amoin? Bidh esan na cheann air uile luchd-àiteachaidh Ghilead.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan