Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Britheamhan 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?

2 Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas: feuch, thug mi an tìr thairis da làimh.

3 Agus thubhairt Iùdah ri Simeon a bhràthair, Thig a‑nìos maille riumsa dom chrannchur, a‑chum gun cog sinn an aghaidh nan Canàanach, agus thèid mise mar an ceudna maille riutsa dod chrannchur-sa. Agus chaidh Simeon maille ris.

4 Agus chaidh Iùdah suas; agus thug an Tighearna na Canàanaich agus na Peridsich thairis dan làimh: agus mharbh iad dhiubh ann am Besec deich mìle fear.

5 Agus fhuair iad Adoni-besec ann am Besec; agus chog iad na aghaidh, agus bhuail iad na Canàanaich agus na Peridsich.

6 Ach theich Adoni-besec, agus lean iad e, agus ghlac iad e, agus gheàrr iad dheth òrdagan a làmh agus a chas.

7 Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.

8 A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine.

9 Agus an dèidh sin, chaidh clann Iùdah sìos a chogadh an aghaidh nan Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns a’ mhonadh, agus anns an àird a deas, agus anns a’ chòmhnard.

10 Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai.

11 Agus a sin chaidh e an aghaidh luchd-àiteachaidh Dhebir: (agus b’e ainm Dhebir roimhe Ciriat-sepher:)

12 Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi.

13 Agus ghlac Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.

14 Agus nuair a thàinig i da ionnsaigh, bhrosnaich i e gu achadh iarraidh o a h‑athair: agus theirinn i bhàrr a h‑asail; agus thubhairt Càleb rithe, Ciod as àill leat?

15 Agus thubhairt i ris, Thoir dhomh beannachadh: oir thug thu dhomh fearann ri deas: thoir dhomh mar an ceudna tobraichean uisge. Agus thug Càleb dhi na tobraichean uachdarach, agus na tobraichean ìochdarach.

16 Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.

17 Agus chaidh Iùdah maille ri Simeon a bhràthair, agus bhuail iad na Canàanaich a bha nan còmhnaidh ann an Sephat, agus sgrios iad gu tur e: (agus thugadh Hormah mar ainm air a’ bhaile:)

18 Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan.

19 Agus bha an Tighearna maille ri Iùdah; agus ghabh e sealbh air a’ mhonadh, ach cha b’urrainn e luchd-àiteachaidh an t‑sratha fhògradh a‑mach, a chionn gu robh carbadan iarainn aca.

20 Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.

21 Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

22 Agus chaidh taigh Iòseiph mar an ceudna suas an aghaidh Bheteil: agus bha an Tighearna maille riu.

23 Agus chuir taigh Iòseiph daoine a rannsachadh a‑mach Bheteil: (a‑nis b’e ainm a’ bhaile roimhe Luds).

24 Agus chunnaic an luchd-bratha duine a’ teachd a‑mach as a’ bhaile, agus thubhairt iad ris, Feuch dhuinn, guidheamaid ort, an rathad a‑steach don bhaile, agus nochdaidh sinn tròcair dhut.

25 Agus nuair a dh’fheuch e dhaibh an rathad a‑steach don bhaile, bhuail iad am baile le faobhar a’ chlaidheimh: ach leig iad air falbh an duine agus a theaghlach uile.

26 Agus chaidh an duine do fhearann nan Hiteach, agus thog e baile, agus thug e Luds mar ainm air: is e seo a ainm gus an là‑an‑diugh.

27 Cha mhò a dh’fhògair Manaseh a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-seain agus a bhailtean, no Thaanaich agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Dhoir agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Ibleaim agus a bhailtean, no luchd-àiteachaidh Mhegido agus a bhailtean: ach b’àill leis na Canàanaich còmhnaidh a ghabhail anns an fhearann sin.

28 Agus thàrladh, nuair a dh’fhàs Israel làidir, gun do chuir iad na Canàanaich fo chìs; ach cha d’fhuadaich iad gu buileach a‑mach iad.

29 Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser.

30 Cha mhò a dh’fhuadaich Sebulun a‑mach luchd-àiteachaidh Chitroin no luchd-àiteachaidh Nahaloil: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg, agus bha iad fo chìs dhaibh.

31 Cha mhò a dh’fhuadaich Aser a‑mach luchd-àiteachaidh Acho, no luchd-àiteachaidh Shìdoin, no Achlaib, no Achsib, no Helbah, no Aphic, no Rehoib:

32 Ach ghabh na h‑Aserich còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre; oir cha d’fhuadaich iad a‑mach iad.

33 Cha mhò a dh’fhuadaich Naphtali a‑mach luchd-àiteachaidh Bhet-semeis, no luchd-àiteachaidh Bhet-anait; ach ghabh e còmhnaidh am measg nan Canàanach, luchd-àiteachaidh na tìre: gidheadh bha luchd-àiteachaidh Bhet-semeis agus Bhet-anait fo chìs dhaibh.

34 Agus dh’èignich na h‑Amoraich clann Dhain don t‑sliabh: oir cha leigeadh iad leo teachd a‑nuas don ghleann.

35 Ach b’àill leis na h‑Amoraich còmhnaidh a ghabhail ann an sliabh Hereis ann an Aialon, agus ann an Saalbim: gidheadh bhuadhaich làmh taigh Iòseiph, agus bha iad fo chìs dhaibh.

36 Agus bha crìoch nan Amorach o uchdaich Acrabim, on charraig, agus suas o sin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan