Amos 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd-doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e. 2 Ged chladhaich iad gu ruig an t‑ionad ìochdarach, as a sin bheir mo làmh-sa a‑nìos iad; ged thèid iad a suas gu nèamh, as a sin bheir mise a‑nuas iad: 3 Agus ged fhalaich iad iad fhèin ann am mullach Charmeil, rannsaichidh mise, agus bheir mi a‑mach as a sin iad; agus ged bhiodh iad air am falach om shealladh ann an ìochdar na fairge, an sin bheir mi àithne don nathair, agus nì i an teumadh: 4 Agus ged rachadh iad gu daorsa ron naimhdean, an sin bheir mise àithne don chlaidheamh, agus marbhaidh e iad: agus leagaidh mi mo shùilean orra a‑chum uilc, agus chan ann a‑chum maith. 5 Oir is e an Tighearna Iehòbhah, Dia nan sluagh, a bheanas ris an fhearann, agus leaghaidh e; agus nì na h‑uile a tha a chòmhnaidh ann caoidh; agus èiridh e suas gu h‑iomlan mar thuil, agus bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit. 6 Is esan a thogas àrd-sheòmraichean anns na nèamhan, agus a shuidhicheas a thaigh-tasgaidh air an talamh; an tì a ghairmeas air uisgeachan na fairge, agus a dhòirteas iad a‑mach air aghaidh na talmhainn: is e Iehòbhah a ainm. 7 Nach eil sibh mar chloinn nan Etiopach dhòmhsa, O chlann Israeil? Tha an Tighearna ag ràdh. Nach tug mise Israel à tìr na h‑Eiphit: agus na Philistich à Caphtor, agus na Sirianaich à Cir? 8 Feuch, tha sùilean an Tighearna Iehòbhah air an rìoghachd chiontaich, agus sgriosaidh mise bhàrr aghaidh na talmhainn i: a‑mhàin cha mhill mi gu tur taigh Iàcoib, deir an Tighearna. 9 Oir feuch, bheir mise àithne, agus criathraidh mi taigh Israeil am measg nan uile chinneach, mar a chriathrar sìol ann an criathar, gidheadh cha tuit an sìlean as lugha dheth air an talamh. 10 Bàsaichidh uile pheacaich mo shluaigh-sa leis a’ chlaidheamh, a tha ag ràdh, Cha bheir an t‑olc oirnn, agus cha ghlac e sinn gu h‑obann. 11 Anns an là sin togaidh mise suas pàillean Dhaibhidh a tha air tuiteam, agus dùinidh mi suas a bheàrnan; agus togaidh mi suas a làraichean, agus cuiridh mi suas e mar anns na làithean o shean: 12 A‑chum gun sealbhaich iad na mhaireas de Edom, agus na h‑uile chinnich a dh’ainmichear air m’ainm-sa, deir an Tighearna a nì seo. 13 Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna ag ràdh, anns am beir an treabhaiche air a’ bhuanaiche, agus fear-bruthaidh nam fìondhearc air fear-cur an t‑sìl; agus silidh na slèibhtean fìon milis, agus leaghaidh na h‑uile chnuic. 14 Agus bheir mise air a h‑ais a‑rìs bruid mo shluaigh Israel, agus togaidh iad na bailtean fàsa, agus nì iad an àiteachadh; agus suidhichidh iad fìon-liosan, agus òlaidh iad am fìon; nì iad fòs liosan, agus ithidh iad an toradh. 15 Agus suidhichidh mise iad nam fearann, agus cha bhi iad nas mò air an spìonadh a‑nìos as an fhearann a thug mise dhaibh, deir an Tighearna do Dhia-sa. |