Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Amos 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa, agus, feuch, dhealbh e lòcaist ann an toiseach teachd a‑nìos an fhàis mu dheireadh; agus, feuch, b’e sin am fàs deireannach, an dèidh buan an rìgh.

2 Agus thàrladh nuair a chuir iad crìoch air ithe luibhean na tìre, gun dubhairt mise, O Thighearna Iehòbhah, maith, guidheam ort; cò a thogas suas Iàcob? Oir tha e ro‑bheag.

3 Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo, deir an Tighearna.

4 Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, ghairm an Tighearna Iehòbhah gu breitheanais le teine, agus loisg e an doimhne mhòr: agus shluig e suas earrann.

5 An sin thubhairt mise, O Thighearna Iehòbhah, sguir, guidheam ort: cò a thogas suas Iàcob? Oir tha e ro‑bheag.

6 Ghabh an Tighearna aithreachas dheth seo: Cha tachair seo fòs, deir an Tighearna Iehòbhah.

7 Mar seo thaisbein e dhomh; agus, feuch, sheas an Tighearna air balla dèante le sreing-riaghailt, agus sreang-riaghailt na làimh.

8 Agus thubhairt an Tighearna rium; Ciod tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Sreang-riaghailt. An sin thubhairt an Tighearna, feuch, cuiridh mise sreang-riaghailt ann am meadhon mo shluaigh Israel; cha ghabh mi nas mò seachad orra tuilleadh.

9 Agus cuirear ionadan àrda Isaaic fàs; agus nìthear naomh-ionadan Israeil nan làraich sgaoilte, agus èiridh mise an aghaidh taigh Ierobòaim leis a’ chlaidheamh.

10 An sin chuir Amasiah, sagart Bheteil, fios gu Ierobòam rìgh Israeil, ag ràdh, Dhealbh Amos foill ad aghaidh ann am meadhon taigh Israeil: chan urrainn am fearann a bhriathran uile a ghiùlan.

11 Oir mar seo tha Amos ag ràdh, Gheibh Ierobòam bàs leis a’ chlaidheamh; agus bheirear Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid as an tìr fhèin.

12 Thubhairt Amasiah mar an ceudna ri Amos, O fhiosaiche, falbh, teich thusa gu tìr Iùdah, agus ith aran an sin, agus an sin dèan fàistneachd:

13 Ach na dèan fàistneachd nas mò ann am Betel: oir is e sin naomh-ionad an rìgh, agus is e sin teach na rìoghachd.

14 An sin fhreagair Amos, agus thubhairt e ri Amasiah, Cha b’fhàidh mise, cha mhò a bu mhac fàidh mi; ach bu bhuachaille sprèidhe mi, agus fear-tionail meas sicamoir:

15 Agus thug an Tighearna mi o bhith a’ leantainn an treud: agus thubhairt an Tighearna rium, Falbh, dèan fàistneachd dom phoball Israel.

16 A‑nis uime sin, cluinn thusa facal an Tighearna: tha thu ag ràdh, Na dèan fàistneachd an aghaidh Israeil, agus na sileadh d’fhacal an aghaidh taigh Isaaic.

17 Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bidh do bhean na strìopaich anns a’ bhaile, agus tuitidh do mhic agus do nigheanan leis a’ chlaidheamh; agus bidh d’fhearann air a roinn leis an t‑sreing: agus gheibh thu bàs ann am fearann truaillte, agus thèid Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid, a‑mach as a dhùthaich fhèin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan