Amos 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Cluinnibh-se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid. 2 Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air a naomhachd, feuch, gun tig oirbh na làithean anns an toir e sibh air falbh le dubhanan, agus ur sliochd le dubhanan-iasgaich. 3 Agus thèid sibh a‑mach air na bealaichean, gach bò air a’ bhealach ma coinneamh; agus tilgear sibh anns an taigh-chasgairt, deir an Tighearna. 4 Rachaibh gu Betel agus ciontaichibh; aig Gilgal dèanaibh ur lochdan lìonmhor; agus thugaibh leibh ur n‑ìobairtean gach madainn, ur deicheamh gach trì bliadhna; 5 Agus ìobraibh ìobairt-bhuidheachais le taois ghoirt, agus èighibh, cuiribh an cèill na saor-thabhartasan; oir tha seo taitneach dhuibh, O chlann Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah. 6 Agus thug mi fòs dhuibh glaine fhiacal nur n‑uile bhailtean, agus goinne arain nur n‑uile lùchairtean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. 7 Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e. 8 Agus shiubhail dà no trì de bhailtean gu aon bhaile, a dh’òl uisge; ach cha robh iad air an sàsachadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. 9 Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith-reodha; nuair a dh’fhàs ur gàrraidhean agus ur fìonliosan, ur croinn-fhìge, agus ur croinn-ola, dh’ith a’ phailm-chnuimh iad: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. 10 Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. 11 Sgrios mi cuid dhibh, mar a sgrios Dia Sòdom agus Gomorrah, agus bha sibh mar aithinne air a spìonadh as an losgadh: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna. 12 Air an adhbhar sin mar seo nì mi riut, O Israeil; agus a chionn gun dèan mi seo riut, ullaich thu fhèin gu còdhail a chumail rid Dhia, O Israeil. 13 Oir feuch, esan a dhealbhas na slèibhtean, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas do dhuine ciod as smuaintean dha; esan a nì a’ mhadainn na dorchadas, agus a shaltras air ionadan àrda na talmhainn, Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm. |