Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Amos 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Mhòaib, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do loisg e cnàmhan rìgh Edoim gu aol.

2 Ach cuiridh mi teine air Mòab, agus loisgidh e lùchairtean Chìrioit, agus bàsaichidh Mòab le co‑ghaoir, le iolaich, le fuaim na trompaid.

3 Agus gearraidh mi as am britheamh as a mheadhon, agus marbhaidh mi a uile phrionnsachan maille ris, deir an Tighearna.

4 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.

5 Ach cuiridh mi teine air Iùdah, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim.

6 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Israeil, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reic iad am fìrean airson airgid, agus am bochd airson bhròg.

7 Tha iad a’ saltairt sìos ceann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine: agus tha duine agus a athair a’ dol a‑steach a‑chum na h‑aon ghruagaich, a thruailleadh m’ainm naoimh-sa.

8 Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.

9 Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe.

10 Fòs thug mi sibhse a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, agus stiùir mi sibh tron fhàsach dà‑fhichead bliadhna; a‑chum gun sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach.

11 Agus thog mi suas cuid de ur mic airson fhàidhean, agus de ur n‑òganaich airson Nàsarach. Nach ann mar seo a tha e, O chlann Israeil? deir an Tighearna.

12 Ach thug sibh do na Nàsaraich fìon ra òl; agus dh’àithn sibh do na fàidhean, ag ràdh, Na dèanaibh fàistneachd.

13 Feuch, bruthaidh mise ur n‑àite, mar a bhruthas carbad luchdaichte le arbhar a sguaban.

14 Agus trèigidh a luathas an duine luath, agus cha bhi an duine làidir treun na neart, cha mhò a nì an duine cumhachdach e fhèin a shaoradh.

15 Cha seas esan fòs a laimhsicheas am bogha, agus cha saor an luath-chasach e fhèin; cha mhò a thèarnas an tì a mharcaicheas an t‑each e fhèin.

16 Agus esan a tha a’ daingneachadh a chridhe am measg nan cumhachdach, teichidh e air falbh rùisgte anns an là sin, deir an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan