Àireamh 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 2 Labhair ri Aaron, agus abair ris, Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na seachd lòchrain solas uapa thall fa chomhair a’ choinnleir. 3 Agus rinn Aaron mar sin; las e a lòchrain thall fa chomhair a’ choinnleir; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois. 4 Agus b’e seo obair a’ choinnleir: bha e de òr buailte gu ruig a chas, gu ruig a bhlàthan bha e de obair bhuailte: a rèir an t‑samhlaidh a nochd an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an coinnleir. 5 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 6 Gabh na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil, agus glan iad. 7 Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin. 8 An sin gabhadh iad tarbh òg maille ra thabhartas-bìdh, eadhon flùr mìn measgte le ola, agus gabhaidh tu tarbh òg eile a‑chum ìobairt-pheacaidh. 9 Agus bheir thu na Lèbhitich air beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cruinnichidh tu coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile: 10 Agus bheir thu na Lèbhitich an làthair an Tighearna, agus cuiridh clann Israeil an làmhan air na Lèbhitich: 11 Agus luaisgidh Aaron na Lèbhitich ann an làthair an Tighearna, mar thabhartas-luaisgte o chloinn Israeil; a‑chum is gun dèan iad seirbhis an Tighearna. 12 Agus cuiridh na Lèbhitich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte don Tighearna, a dhèanamh rèite airson nan Lèbhiteach. 13 Agus cuiridh tu na Lèbhitich an làthair Aaroin, agus an làthair a mhac, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte don Tighearna. 14 Mar seo sgaraidh tu na Lèbhitich o mheasg chloinn Israeil; agus bidh na Lèbhitich leamsa. 15 Agus na dhèidh sin thèid na Lèbhitich a‑steach a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte: 16 Oir thugadh dhòmhsa gu h‑iomlan iad o mheasg chloinn Israeil; an àite gach aoin a dh’fhosglas a’ bhrù, eadhon an àite ciad-ghin chloinn Israeil uile, ghabh mi dhomh fhèin iad. 17 Oir is leamsa uile chiad-ghin chloinn Israeil, araon duine agus ainmhidh: anns an là air an do bhuail mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, naomhaich mi iad dhomh fhèin. 18 Agus ghabh mi na Lèbhitich an àit uile chiad-ghin chloinn Israeil. 19 Agus thug mi na Lèbhitich mar thìodhlac do Aaron, agus da mhic, o mheasg chloinn Israeil, a dhèanamh seirbhis chloinn Israeil ann am pàillean a’ choitheanail, agus a dhèanamh rèite airson chloinn Israeil; a‑chum is nach bi plàigh sam bith am measg chloinn Israeil, nuair a thig clann Israeil am fagas don ionad naomh. 20 Agus rinn Maois agus Aaron, agus co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, ris na Lèbhitich a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn clann Israeil riu. 21 Agus ghlanadh na Lèbhitich, agus nigh iad an aodach: agus thug Aaron suas iad mar thabhartas an làthair an Tighearna; agus rinn Aaron rèite air an son a‑chum an glanadh. 22 Agus an dèidh sin chaidh na Lèbhitich a‑steach, a dhèanamh an seirbhis ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair Aaroin agus an làthair a mhac: mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh nan Lèbhiteach, mar sin rinn iad riu. 23 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 24 Is e seo an nì a bhuineas do na Lèbhitich: o chòig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus os a chionn, thèid iad a‑steach a dh’fheitheamh air seirbhis pàillean a’ choitheanail: 25 Agus o aois lethcheud bliadhna sguiridh iad a dh’fheitheamh air a sheirbhis, agus cha dèan iad seirbhis nas mò. 26 Ach frithealaidh iad maille rim bràithrean ann am pàillean a’ choitheanail a ghleidheadh a’ chùraim, agus cha dèan iad seirbhis sam bith eile. Mar seo nì thu ris na Lèbhitich a‑thaobh an cùraim. |