Àireamh 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad; 2 Gun tug ceannardan Israeil, cinn taighean an athraichean (eadhon ceannardan nan treubh, a bha os cionn na muinntir a chaidh àireamh), seachad tabhartas: 3 Agus thug iad an tabhartas an làthair an Tighearna, sia feunan còmhdaichte, agus dà‑dhamh-dheug: feun airson dithis de na ceannardan, agus damh airson gach fir dhiubh, agus thug iad air beulaibh a’ phàillein iad. 4 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 5 Gabh uapa iad, a‑chum is gum bi iad a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus bheir thu iad do na Lèbhitich, do gach fear a rèir a sheirbhis. 6 Agus ghabh Maois na feunan agus na daimh, agus thug e do na Lèbhitich iad. 7 Dà fheun agus ceithir daimh thug e do mhic Ghersoin, a rèir an seirbhis. 8 Agus ceithir feunan agus ochd daimh thug e do mhic Mherari, a rèir an seirbhis, fo làimh Itamair mhic Aaroin an sagart. 9 Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh-san, gun giùlaineadh iad air an guaillean. 10 Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach. 11 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Bheir gach ceannard seachad a thabhartas air a là fhèin, a‑chum coisrigeadh na h‑altarach. 12 Agus esan a thug seachad a thabhartas air a’ chiad là, b’e Nahson mac Aminadaib, de threubh Iùdah. 13 Agus b’e a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 14 Aon spàin de dheich seceil òir, làn de thùis: 15 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 16 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 17 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nahsoin mhic Aminadaib. 18 Air an dara là thug Mataneel mac Shuair, ceannard Isachair, seachad tabhartas. 19 Thug e seachad mar a thabhartas aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 20 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 21 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 22 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 23 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Nàtaneeil mhic Shuair. 24 Air an treas là thug Eliab mac Heloin, ceannard chloinn Shebuluin, seachad tabhartas. 25 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 26 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 27 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 28 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 29 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliaib mhic Heloin. 30 Air a’ cheathramh là thug Elisur mac Shedeuir, ceannard chloinn Reubein, seachad tabhartas. 31 B’e a thabhartas aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 32 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 33 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 34 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 35 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisuir mhic Shedeuir. 36 Air a’ chòigeamh là thug Selumiel mac Shurisadai, ceannard chloinn Shimeoin, seachad tabhartas. 37 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fhichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 38 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 39 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 40 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 41 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Shelumieil mhic Shurisadal. 42 Air an t‑siathamh là thug Eliasaph mac Dheueil, ceannard chloinn Ghad, seachad tabhartas. 43 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 44 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 45 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 46 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 47 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Eliasaiph mhic Dheueil. 48 Air an t‑seachdamh là thug Elisama mac Amihuid, ceannard chloinn Ephraim, seachad tabhartas. 49 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 50 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 51 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 52 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 53 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Elisama mhic Amihuid. 54 Air an ochdamh là thug Gamaliel mac Phedahsuir, ceannard chloinn Mhanaseh, seachad tabhartas. 55 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid de cheud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 56 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 57 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 58 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 59 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ghamalieil mhic Phedahsuir. 60 Air an naoidheamh là thug Abidan mac Ghideoni, ceannard chloinn Bheniàmin, seachad tabhartas. 61 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 62 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 63 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 64 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 65 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Abidain mhic Ghideoni. 66 Air an deicheamh là thug Ahieser mac Amisadai, ceannard chloinn Dhan, seachad tabhartas. 67 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 68 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 69 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 70 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 71 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahieseir mhic Amisadai. 72 Air an aon-là‑deug thug Pagiel mac Ocrain, ceannard chloinn Aseir, seachad tabhartas. 73 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 74 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 75 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 76 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 77 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìthe, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Phagieil mhic Ocrain. 78 Air an dara-là‑deug thug Ahira mac Enain, ceannard chloinn Naphtali, seachad tabhartas. 79 B’e a thabhartas-san aon mhias airgid, dom bu chudthrom ceud agus deich seceil ar fichead, aon chuach airgid de dheich agus trì-fichead secel, a rèir secel an ionaid naoimh, iad le chèile làn de fhlùr mìn measgte le ola, a‑chum tabhartais-bìdh: 80 Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis: 81 Aon tarbh òg, aon reithe, aon uan den chiad bhliadhna, a‑chum ìobairt-loisgte: 82 Aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh: 83 Agus a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, dà tharbh, còig reitheachan, còig buic-ghoibhre, còig uain den chiad bhliadhna. B’e seo tabhartas Ahira mhic Enain. 84 B’e seo coisrigeadh na h‑altarach (anns an là anns an d’ungadh i) le ceannardan Israeil: dà‑mhias-dheug airgid, dà‑chuaich-dheug airgid, dà‑spàin-dheug òir: 85 B’e cudthrom gach mèis airgid ceud agus deich seceil ar fhichead, agus gach cuaiche deich agus trì-fichead: b’e cudthrom nan soithichean airgid uile, dà mhìle agus ceithir cheud seceil, a rèir secel an ionaid naoimh. 86 Bha dà‑spàin-dheug òir ann, làn de thùis, cudthrom gach aon fa leth deich seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: b’e òr nan spàinean uile ceud agus fichead secel. 87 B’iad na tairbh uile a‑chum ìobairt-loisgte dà‑tharbh-dheug, na reitheachan a dhà-dheug, na h‑uain den chiad bhliadhna a dhà-dheug, maille rin tabhartas-bìdh: agus na minn de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh a dhà-dheug. 88 Agus b’iad na tairbh uile, a‑chum ìobairt nan tabhartas-sìth, ceithir tairbh ar fhichead, na reitheachan trì-fichead, na buic-ghoibhre trì-fichead, na h‑uain den chiad bhliadhna trì-fichead. B’e seo coisrigeadh na h‑altarach, an dèidh dhi a bhith air a h‑ungadh. 89 Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair-thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris. |