Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Àireamh 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2 Aithn do chloinn Israeil, iad a chur a‑mach as a’ champ gach lobhar, agus gach neach air a bheil silteach, agus gach neach a tha air a shalachadh leis a’ mharbh:

3 Araon fireannach agus boireannach cuiridh sibh a‑mach, an taobh a‑muigh den champ cuiridh sibh iad; a‑chum is nach truaill iad an campannan, anns a bheil mise a’ gabhail còmhnaidh.

4 Agus rinn clann Israeil mar seo, agus chuir iad a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ: mar a labhair an Tighearna ri Maois, mar sin rinn clann Israeil.

5 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

6 Abair ri cloinn Israeil, Nuair a nì fear no bean peacadh air bith a nì daoine, a dhèanamh easaontais an aghaidh an Tighearna, agus gu bheil an t‑anam sin ciontach;

7 An sin aidichidh iad am peacadh a rinn iad: agus nì e co‑leasachadh airson a eucorach anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e sin dhàsan air an do rinn e an eucoir.

8 Ach mura bi aig an duine caraid sam bith gu co‑leasachadh a thoirt dha anns an eucoir, thugar an co‑leasachadh a nìthear don Tighearna airson na h‑eucorach don t‑sagart; a thuilleadh air reithe na rèite, leis an dèanar rèite air a shon.

9 Agus gach tabhartas de nithean naomha chloinn Israeil uile, a bheir iad a‑chum an t‑sagairt, is leis-san iad.

10 Agus nithean coisrigte gach duine, is leis-san iad: ge bè nì a bheir duine sam bith don t‑sagart, is leis e.

11 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

12 Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma thèid bean fir sam bith a thaobh, agus gun ciontaich i na aghaidh,

13 Agus gun laigh fear gu collaidh leatha, agus gum bi sin falaichte o shùilean a fir-phòsda, agus gum bi e ceilte, agus gum bi i air a truailleadh, agus nach bi fianais sam bith na h‑aghaidh, agus gun i air a glacadh anns a’ chùis,

14 Agus gun tig spiorad eud air, agus gu bheil e ag eudach air a mhnaoi, agus gun do thruailleadh i; no ma thàinig spiorad eud air, agus gu bheil e eudmhor ma mhnaoi, agus nach do thruailleadh i:

15 An sin bheir an duine a bhean a dh’ionnsaigh an t‑sagairt, agus bheir e leis a tabhartas air a son, an deicheamh cuid de ephah de mhin eòrna; cha dòirt e ola air, cha mhò a chuireas e tùis air, oir is tabhartas eudaich a tha ann, tabhartas cuimhneachain, a’ toirt aingidheachd ann an cuimhne.

16 Agus bheir an sagart am fagas i, agus cuiridh e i an làthair an Tighearna.

17 Agus gabhaidh an sagart uisge naomh ann an soitheach creadha, agus gabhaidh an sagart cuid den duslach a bhios air ùrlar a’ phàillein, agus cuiridh e anns an uisge e.

18 Agus cuiridh an sagart a’ bhean ann an làthair an Tighearna, agus rùisgidh e ceann na mnà, agus cuiridh e an tabhartas cuimhneachain na làmhan, eadhon an tabhartas eudaich: agus bidh aig an t‑sagart na làimh an t‑uisge searbh a mhallaicheas.

19 Agus gabhaidh an sagart mionnan dhith, agus their e ris a’ mhnaoi, Mura do laigh fear sam bith leat, agus mura deachaidh tu a thaobh gu neòghlaine maille ri neach eile an àite d’fhir-phòsda, bi‑sa saor on uisge shearbh seo a mhallaicheas:

20 Ach ma chaidh thu a thaobh gu neach eile an àite d’fhir-phòsda, agus gun do thruailleadh thu, agus gun do laigh fear eile leat a thuilleadh air d’fhear-pòsda;

21 An sin gabhaidh an sagart mionnan mallachaidh den mhnaoi, agus their an sagart ris a’ mhnaoi, Gun dèanadh an Tighearna ad mhallachadh agus ad mhionnan thu am measg do shluaigh, nuair a bheir an Tighearna air do shliasaid lobhadh, agus air do bhroinn at;

22 Agus thèid an t‑uisge seo a mhallaicheas a‑steach ad innibh, a thoirt air do bhroinn at, agus air do shliasaid lobhadh. Agus their a’ bhean, Amen, Amen.

23 Agus sgrìobhaidh an sagart na mallachdan sin ann an leabhar, agus dubhaidh e a‑mach iad leis an uisge shearbh;

24 Agus bheir e air a’ mhnaoi an t‑uisge searbh, a bheir am mallachadh, òl: agus thèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh.

25 An sin gabhaidh an sagart an tabhartas-eudaich à làimh na mnà, agus luaisgidh e an tabhartas an làthair an Tighearna, agus bheir e seachad e air an altair.

26 Agus gabhaidh an sagart làn glaice den tabhartas, eadhon a chuimhneachan, agus loisgidh e air an altair e, agus an dèidh sin bheir e air a’ mhnaoi an t‑uisge òl.

27 Agus nuair a bheir e oirre an t‑uisge òl, an sin tàrlaidh, ma thruailleadh i, agus ma rinn i coire an aghaidh a fir-phòsda, gun tèid an t‑uisge a mhallaicheas a‑steach innte, agus fàsaidh e searbh, agus ataidh a brù, agus lobhaidh a sliasaid: agus bidh a’ bhean na mallachadh am measg a sluaigh.

28 Agus mura do thruailleadh a’ bhean, ach gu bheil i glan; an sin bidh i saor, agus fàsaidh i torrach.

29 Is e seo lagh nan eud, nuair a thèid bean a thaobh gu fear eile an àit a fir-phòsda, agus a thruaillear i;

30 No nuair a thig spiorad eud air fear, agus a tha e eudmhor ma mhnaoi, agus a chuireas e a’ bhean an làthair an Tighearna, agus a chuireas an sagart an gnìomh oirre an lagh seo uile;

31 An sin bidh an duine saor on chionta, agus giùlainidh a’ bhean seo a cionta.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan