Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Àireamh 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair Miriam agus Aaron an aghaidh Mhaois airson na mnà o Etiopia, a phòs e; oir bha e air pòsadh mnà o Etiopia.

2 Agus thubhairt iad, An do labhair an Tighearna da‑rìribh le Maois a‑mhàin? Nach do labhair e mar an ceudna leinne? Agus chuala an Tighearna e.

3 (A‑nis bha an duine Maois ro‑chiùin, thar nan uile dhaoine a bha air aghaidh na talmhainn.)

4 Agus labhair an Tighearna gu grad ri Maois, agus ri Aaron, agus ri Miriam, Thigibh a‑mach sibhse nur triùir gu pàillean a’ choitheanail. Agus thàinig iad nan triùir a‑mach.

5 Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann am meall neòil, agus sheas e ann an doras a’ phàillein, agus ghairm e air Aaron agus Miriam: agus thàinig iad le chèile a‑mach.

6 Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran-sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.

7 Chan ann mar sin dom sheirbhiseach Maois, a tha fìrinneach ann am thaigh uile.

8 Beul ri beul labhraidh mi ris-san, eadhon gu soilleir, agus chan ann am briathran dorcha, agus chì e coslas an Tighearna: carson matà nach robh eagal oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich Maois?

9 Agus las fearg an Tighearna nan aghaidh, agus dh’fhalbh e.

10 Agus dh’fhalbh an neul bhàrr a’ phàillein, agus, feuch, rinneadh Miriam na lobhar, geal mar shneachda: agus dh’amhairc Aaron air Miriam, agus, feuch, bha i na lobhar.

11 Agus thubhairt Aaron ri Maois, Och! mo thighearna, guidheam ort, na cuir am peacadh as ar leth, leis an do rinn sinn gu h‑amaideach, agus leis an do pheacaich sinn.

12 Na biodh i mar aon marbh, da bheil an fheòil air a leth-chaitheamh, nuair a thig e a‑mach à broinn a mhàthar.

13 Agus ghlaodh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Leighis i a‑nis, O Dhè, guidheam ort.

14 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nan tilgeadh a h‑athair ach smugaid na h‑aodann, nach bu chòir dhi a bhith fo nàire seachd làithean? Druidear a‑mach on champ i rè seachd làithean, agus na dhèidh sin gabhar a‑steach i a‑rìs.

15 Agus dhruideadh Miriam a‑mach on champ seachd làithean: agus cha do ghabh an sluagh an turas, gus an tugadh Miriam a‑steach a‑rìs.

16 Agus na dhèidh sin dh’imich an sluagh o Haserot, agus champaich iad ann am fàsach Phàrain.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan