Àireamh 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 2 Dèan dhut fhèin dà thrompaid airgid; a dh’aon mhìr nì thu iad; agus gnàthaichidh tu iad a ghairm a’ choitheanail, agus a‑chum turas nan camp. 3 Agus nuair a shèideas iad leo, cruinnichidh an coitheanal uile iad fhèin ad ionnsaigh aig doras pàillean a’ choitheanail. 4 Agus mura sèid iad ach le aon trompaid, an sin cruinnichidh na ceannardan a tha nan cinn-fheadhna air mhìltean Israeil iad fhèin ad ionnsaigh. 5 Nuair a shèideas sibh caismeachd, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird an ear air an aghaidh. 6 Nuair a shèideas sibh caismeachd an dara uair, an sin thèid na campannan a tha nan laighe air taobh na h‑àird a deas air an aghaidh: sèididh iad caismeachd a‑chum an turasan. 7 Ach nuair a tha an coitheanal gu bhith air a chruinneachadh an ceann a chèile, sèididh sibh, ach cha sèid sibh caismeachd. 8 Agus sèididh mic Aaroin, na sagartan, leis na trompaidean; agus bidh iad dhuibh mar reachd sìorraidh air feadh ur ginealaichean. 9 Agus ma thèid sibh gu cogadh nur dùthaich an aghaidh an nàmhaid a tha a’ dèanamh fòirneirt oirbh, an sin sèididh sibh caismeachd leis na trompaidean; agus cuimhnichear sibh an làthair an Tighearna ur Dia, agus saorar sibh o ur naimhdean. 10 Mar an ceudna ann an là ur subhachais, agus nur n‑àrd làithean fèille, agus ann an toiseach ur mìosan, sèididh sibh leis na trompaidean os cionn ur n‑ìobairtean-loisgte, agus os cionn ìobairtean ur tabhartas-sìthe; agus bidh iad dhuibh mar chuimhneachan an làthair ur Dè; Is mise an Tighearna ur Dia. 11 Agus thàrladh air an fhicheadamh là den dara mìos, anns an dara bliadhna, gun do thogadh suas an neul o uachdar pàillean na Fianais. 12 Agus ghabh clann Israeil an turasan à fàsach Shinài; agus stad an neul ann am fàsach Phàrain. 13 Agus ghabh iad air tùs an turas a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois. 14 Anns a’ chiad àite dh’imich bratach camp chloinn Iùdah, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Nahson mac Aminadaib. 15 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Isachair bha Nàtaneel mac Shuair. 16 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shebuluin bha Eliab mac Helean. 17 Agus thugadh a‑nuas am pàillean; agus chaidh mic Ghersoin agus mic Mherari air an aghaidh, a’ giùlan a’ phàillein. 18 Agus ghluais bratach camp Reubein air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean; agus air ceann a shlòigh bha Elisur mac Shedeuir. 19 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Shimeoin bha Selumiel mac Shurisadai. 20 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Ghad bha Eliasaph mac Dheueil. 21 Agus chaidh na Cohataich air an aghaidh, a’ giùlan an ionaid naoimh, agus chuireadh suas am pàillean air cheann dhaibh teachd. 22 Agus ghluais bratach camp chloinn Ephraim air a h‑aghaidh, a rèir an armailtean: agus air ceann a shlòigh bha Elisama mac Amihuid. 23 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Mhanaseh bha Gamaliel mac Phedahsuir. 24 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Bheniàmin bha Abidan mac Ghideoni. 25 Agus chaidh bratach treubh chloinn Dhan air a h‑aghaidh, a bha air deireadh nan camp uile air feadh an slògh: agus air ceann a shlòigh bha Ahieser mac Amisadai. 26 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Aseir bha Pagiel mac Ocrain. 27 Agus air ceann sluagh treubh chloinn Naphtali bha Ahira mac Enain. 28 B’iad sin turasan chloinn Israeil, a rèir an armailtean, nuair a ghluais iad air an aghaidh. 29 Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil. 30 Agus thubhairt e ris, Cha tèid mi maille ribh: ach imichidh mi a‑chum mo dhùthcha fhèin, agus a‑chum mo dhìlsean fhèin. 31 Agus thubhairt e, Na fàg sinn, guidheam ort; oir tha fhios agad cionnas a champaicheas sinn anns an fhàsach, agus bidh tu dhuinn an àite shùl. 32 Agus tàrlaidh, ma thèid thu maille rinn, seadh, tàrlaidh ge bè math a nì Dia dhuinne, gun dèan sinne am math ceudna dhutsa. 33 Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite-tàimh dhaibh. 34 Agus bha neul an Tighearna orra anns an là, nuair a chaidh iad a‑mach as a’ champ. 35 Agus thàrladh, nuair a bha an àirc gu dol air a h‑aghaidh, gun dubhairt Maois, Eirich suas, a Thighearna, agus biodh do naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh a’ mhuinntir leis am fuathach thu romhad. 36 Agus nuair a stad i, thubhairt e, Till, a Thighearna, a‑chum nam mìltean de mhìltean Israeil. |