Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain?

2 Agus bha aig taigh Shauil seirbhiseach dam b’ainm Siba: agus nuair a ghairm iad e a‑chum Dhaibhidh, thubhairt an rìgh ris, An tusa Siba? Agus thubhairt esan, Is e do sheirbhiseach a tha ann.

3 Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach.

4 Agus thubhairt an rìgh ris, Càit a bheil e? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e ann an taigh Mhachir, mac Amieil, ann an Lo‑debar.

5 Agus chuir rìgh Daibhidh fios air, agus thug e e à taigh Mhachir, mac Amieil, o Lo‑debar.

6 A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach.

7 Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

8 Agus chrom e e fhèin, agus thubhairt e, Cò e do sheirbhiseach, gun amhairceadh tusa air cù marbh, cosmhail riumsa?

9 An sin ghairm an rìgh air Siba, òglach Shauil, agus thubhairt e ris, Gach nì a bhuineadh do Shaul, agus da thaigh uile, thug mi do mhac do mhaighistir.

10 Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd-sa. A‑nis bha aig Siba còig-mic-dheug agus fichead seirbhiseach.

11 An sin thubhairt Siba ris an rìgh, A rèir gach nì a dh’àithn mo thighearna an rìgh da sheirbhiseach, mar sin nì do sheirbhiseach: a‑thaobh Mhephiboset, ithidh esan aig a bhòrd-san, mar aon de mhic an rìgh.

12 Agus bha aig Mephiboset mac òg dom b’ainm Micah: agus bha iadsan uile a ghabh còmhnaidh ann an taigh Shiba nan seirbhisich do Mhephiboset.

13 Agus chòmhnaich Mephiboset ann an Ierusalem; oir dh’ith e an còmhnaidh aig bòrd an rìgh: agus bha e bacach air a dhà chois.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan