2 Samuel 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil. 2 Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel. 3 Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel. 4 Bha Daibhidh deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna. 5 Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah. 6 Agus dh’imich an rìgh agus a dhaoine gu Ierusalem, a dh’ionnsaigh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh na tìre, a labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Cha tig thu a‑steach an seo mura toir thu air falbh na doill agus na bacaich; ag ràdh, Cha tig Daibhidh a‑steach an seo. 7 Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh. 8 Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais-uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh. 9 Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh. 10 Agus chaidh Daibhidh air aghaidh, a’ fàs mòr; agus bha an Tighearna Dia nan sluagh maille ris. 11 Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh. 12 Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel. 13 Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh. 14 Agus is iad seo an ainmean-san, a rugadh dha ann an Ierusalem: Samuah, agus Sobab, agus Nàtan, agus Solamh, 15 Agus Ibner, agus Elisua, agus Nepheg, agus Iaphia, 16 Agus Elisama, agus Eliada, agus Eliphalet. 17 Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach. 18 Agus thàinig na Philistich, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. 19 Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh. 20 Agus thàinig Daibhidh gu Bàal-perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal-perasim mar ainm air an àite sin. 21 Agus dh’fhàg iad an sin an dealbhan, agus loisg Daibhidh agus a dhaoine iad. 22 Agus thàinig na Philistich a‑nìos a‑rìs, agus sgaoil iad iad fhèin ann an gleann Rephaim. 23 Agus nuair a dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, thubhairt e, Cha tèid thu suas; ach gabh mun cuairt air an cùlaibh, agus thig orra fa chomhair craobhan nan smeur. 24 Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach craobhan nan smeur, an sin gluaisidh tu thu fhèin; oir an sin thèid an Tighearna a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach. 25 Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha: agus bhuail e na Philistich o Theba gus an tig thu gu Gaser. |